Rabhadh mu chòmh-strì Slàinte san Eilean Sgitheanach

  • 19 Am Màrt 2013
Ospadal Image copyright Getty Images
Image caption Tha dà ospadal san Eilean Sgitheanach an-dràsta, ach feumar fear ùr.

Chaidh rabhadh a thoirt seachad gur dòcha nach fhaigh an t-Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois ospadal ùr ma bhios sgaradh-bheachd ann mu càit am bu chòir dha a bhith.

Sin na chuala daoine aig Fòram Uàrd Eilean a' Cheò Diluain.

Bha riochdairean NHS na Gàidhealtachd ann a' mìneachadh na h-ìre aig an robh na planaichean aca.

Tha cha-mhòr 150 bliadhna bho thogadh a' chiad ospadal san Eilean Sgitheanach - Ospadal Gheusto anns an Aodann Bhàn.

Grunn Roghainnean

San là a th' ann, tha dà ghoireas meidigeach a' frithealadh muinntir an eilein a tuilleadh air muinntir Loch Àillse agus iar-dheas Rois.

Dh'innis Manaidsear NHS na Gàidhealtachd airson na sgìre, Kate Earnshaw, do riochdairean coimhearsnachd aig coinneimh an Fhòraim Uàrd, nach robh Ospadal Phort Rìgh, 's Ospadal MhicFhionnghuin san Ath Leathann freagarrach airson na linne seo.

"Chan eil iad a' tighinn a rèir inbhean cùraim-shlàinte an là an-diugh," thuirt i.

"'S e na dh'fheumas sinn ach goireas air aon làraich a bhiodh na phrìomh ionad airson an dà chuid slàinte agus ghoireasan coimhearsnachd na sgìre.

"Tha sinn airson daoine a thoirt leinn a thaobh sin, ach tha sinn, gu follaiseach, fosgailte do grunn diofar roghainnean," thuirt i.

Feumaidh NHS na Gàidhealtachd dearbhadh do Riaghaltas na h-Alba gun do bheachdaich iad air grunn roghainnean mus tèid iad chun a' mheasaidh mu dheireadh airson làrach agus an dòigh as fheàrr air cùram meidigeach a thoirt seachad a lorg.

Tha an Comh. Hamish Friseal draghail mun bhuaidh a bhiodh aig farpais eadar ceann a tuath is ceann a deas na sgìre, a thaobh làrach an ospadail ùir.

"Tha an dragh a tha sin orm o chaill sinn an trup mu dheireadh dà bhliadhna air ais a adhbhar an goireas ùr a tha seo fhaighinn air bòrd," thuirt e.

"Mur a dèan sinn ceart an trup seo e, tha mise den bheachd gum bi an t-Eilean Sgitheanach is Loch Àillse, agus Ros a' call sheirbheisean anns an àite a tha seo, 's gum bi a h-uile duine anns an sgìre a' siubhail chun a' Ghearasdain no a dh'Inbhir Nis airson rud sam bith.

"'S e an rud a tha sinn a' coimhead air a shon, 's e na goireasan a th' againn a chumail, agus an fheadhainn eile a chur nas fheàrr - barrachd fhaighinn dhiubh.

"Ach ma thòisichear a-nise air argamaid cà bheil an ospadal a tha seo a' dol a bhith, tha e a' dol a chur cnap-starra mhòir anns an t-siostam agus anns an adhbhar a th' againn airson seo a dhèanamh aig an ìre a tha seo," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile