Briseadh-dùil do mhuinntir Bhreacais

  • 18 Am Màrt 2013
Breacais
Chan eil cabhsair ri taobh prìomh rathad an eilein, an A87, a tha a' dol tron bhaile.

Chaidh innse do mhuinntir Bhreacais san Eilean Sgitheanach nach eil airgead ann son cabhsair a chuir ri taobh prìomh rathad an eilein, an A87, a tha a' dol tron bhaile.

Tha iad air a bhith a' gearain bho chionn fhada gu bheil an rathad cunnartach agus nochd faisg air ceud duine aig coinneamh phoblach far an d'fhuair iad cothrom na draghan sin a chuir gu riochdaire bho Còhmhdhail na h-Alba ris a bheil na prìomh rathaidean an urra.

Tubaistean

Tha Seonachan MacLeòid, a tha a-measg an fheadhainn a tha a' strì airson cabhsair, ag ràdh gu bheil iomagain air-san gun tachair tuilleadh thubaistean air a' phìos sin dhen rathad.

''Tha iad ag radh gu bheil iad a' dol a dhèanamh beagan obrach airson an rathad a dhèanamh nas sàbhailte,''

''Ach tha e cho cianail cunnartach, tha tubaistean ann a h-uile bliadhna ach bidh barrachd a' tachairt air a' rathad a tha sin''

Thug Còmhdail na h-Alba gealltanas gun cuir iad soidhnichean agus comharran an sàs gus an rathad a dhèanamh nas sàbhailte.

Thuirt iad ge-tà nach robh airgead ann airson cabhsair an-dràsta ach gun cumadh iad orra a' dèanamh rannsachaidh air gun fhios nach biodh airgead ri fhaighinn san àm ri teachd.