Dragh mu àrdachadh faraidhean aiseig a' Chorrain

  • 15 Am Màrt 2013
Aiseag a' Chorrain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Shàbhaileadh cuid £500, ach phàigheadh cuid eile £200 a bharrachd sa bhliadhna, a rèir rannsachaidh na coimhearsnachd.

Thug comhairliche ann an Loch Abar rabhadh seachad gur dòcha gum bi droch bhuaidh aig àrdachadh faraidhean air aiseag a' Chorrain air a' choimhearsnachd.

Tha dragh air Anndra Baxter mu mar a bhuaileas seo air an fheadhainn a tha a' cleachdadh an aiseig, gu sònraichte iadsan nach bi a' dol oirre ach turas neo dhà san t-seachdain.

Cha toir an t-aiseag ach ceithir mionaidean, ach cosgaidh e £7 airson càr.

Tha a' Chomhairle airson a chur an-àirde gu £7.30sg.

Coimhearsnachd Eileanach

Chan e a' phrìs sin a tha a' cur dragh air muinntir na sgìre, ach plana, an cois an àrdachaidh, airson cur às do leabhraichean anns a bheil 30 tiocaid, agus leabhar le dìreach 10 tiocaidean a chur na àite.

Tha sin a' ciallachadh gun cosg gach turas a-nise £1.70sg a bharrachd.

A rèir rannsachaidh a rinn muinntir na sgìre fhèin, ma tha thu a' cleachdadh an aiseig a h-uile là sa bhliadhna, shàbhaileadh tu faisg air £500.

Ach mur a tèid thu thar a' chaolais ach là no dhà san t-seachdain, cosgaidh e faisg air £200 a bharrachd.

"'S math gu bheil faraidhean do dhaoine a chleachdas an aiseig gach là gan lùghdachadh," thuirt an Comh. Baxter.

"Ach saoilidh mi gun gabhadh an gnothach cothromachadh na b'fheàrr gus am faigheadh a h-uile duine san sgìre buannachd," thuirt e.

Tha feadhainn san sgìre ge-tà, den bheachd gu bheil an suidheachadh aca eadar-dhealaichte.

Tha an sgìre a' gabhail a-steach leth-eilein air a bheil sgìrean Àird Dhobhair, a' Mhorbhairne, Muideart agus Àird nam Murchan, agus tha cuid airson 's gun tèid dèiligeadh ris an sgìre mar gum b' e eilean a bh' ann.

Tha an Comh. Baxter nam measg.

"Tha mi an dòchas gur e aon rud math a thig às a' cho-chomhairleachadh seo, agus an deasbad a bhios againn, gun tèid aig a' Chomhairle air a ràdh ris an Riaghaltas gu bheil Àird nam Murchan agus an leth-eilean air fad ann an suidheachadh caran annasach, agus ann an iomadh dòigh bu chòir dèiligeadh rinn mar choimhearsnachd eileanaich, ma tha sinn airson 's gun soirbhich leis na pàirtean as iomallaiche den sgìre," thuirt e.

Tha a' Chomhairle a-nis a' cumail co-chomhairleachaidh sa choimhearsnachd feuch beachdan nan daoine fhaighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile