Co-chomhairleachadh mu Oighreachd nam Bàgh

  • 14 Am Màrt 2013
Bàigh na Hearadh
Image caption 'S e an oighreachd mu dheireadh sna Hearadh a th' air fhàgail aig uachdaran prìobhaideach.

Thèid co-chomhairleachadh coimhearsnachd a thòiseachadh ann am Bàigh na Hearadh, a' faighneachd bheachdan dhaoine mu bhith a' ceannach na h-oighreachd.

Sheall bhòt san sgìre mar thà, gun robh a' mhòr-chuid de dhaoine airson a dhol air adhart agus tuilleadh fhaighinn a-mach.

A-nis thèid faighneachd do mhuinntir na sgìre dè bu toil leotha tachairt dhan oighreachd san àm ri teachd.

Sgrìobh buidheann-stiùiridh Bhàgh na Hearadh do dh'uachdaran na h-oighreachd - teaghlach a tha stèidhichte ann an Sasainn - san Fhaoilleach.

Thuirt neach-labhairt bhon bhuidhinn-stiùiridh gun robh am freagairt a fhuair iad air ais a' fàgail gum faodadh gum biodh cothrom ann dhaibh an oighreachd a cheannach.

Choinnich a' bhuidheann-stiùiridh an t-seachdain seo, agus tha iad a-nis air aontachadh co-chomhairleachadh coimhearsnachd a thòiseachadh.

Tha iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil beachd air a' ghnothach - air a shon, no na aghaidh.

'S e oighreachd nam Bàgh a' phrìomh oighreachd anns Na Hearadh a tha air fhàgail ann an làmhan uachdarain phrìobhaidich.

Cheannaich muinntir a' Chinn a Tuath an oighreachd aca-san bho chionn deich blaidhna, tha sealbh air a bhith aig muinntir an Taoibh Shiar air an oighreachd aca-san bho chionn trì bliadhna, agus tha muinntir Scalpaigh an teis meadhain aonta leis an t-uachdaran aca-san fo am faigh iad sealbh air an eilean dhaibh fhèin.