Poilis ag ainmeachadh cuirp bheinne

  • 14 Am Màrt 2013
Shaun Bowden Image copyright Northern constabulary
Image caption Tha Mgr Bowden a' fàgail bean agus dithis chloinne.

Dh'ainmich na Poilis an duine a chaochaill air beinn ann an Gleann Comhainn an t-seachdain seo chaidh.

B'e Shaun Bowden, a bha 39, agus a bhuinneadh do Hertfordshire.

Bha e a' coiseachd le caraidean nuair a thuit e gu a bhàs air Bidean nam Bian.

Tha e a' fàgail bean agus dithis chloinne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile