Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Reachdas nam Meadhanan

Cha do shoirbhich idir le còmhraidhean eadar gach pàrtaidh airson aonta air molaidhean Leveson airson smachd air dòighean-obrach nam pàipearan-naidheachd. Dh'innis am Prìomhaire Dàibhidh Camshron, dhan Leas-Phrìomhaire Nick Clegg, agus do Cheannard nan Làbarach Ed Miliband, gu bheil cus astair eadar iad an-dràsta airson tighinn gu aonta.

Am Pàpa Proinnseas

Bidh a' chiad Aifreann aig a' Phàpa Proinnseas ann an caipeal an Sistine san Ròimh an-diugh. 'S e a' chiad Phàpa bho thaobh a-muigh na h-Eòrpa bho chionn còrr is 1,000 bliadhna, agus 's e a' chiad Phàpa Iesuit riamh. Tha dùil gun coinnich e an-diugh cuideachd ris a' Phàpa a bh' ann roimhe, Benedict.

Philip Hammond

Tha Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, ann an Dùn Èideann an-diugh 's e a' ceasnachadh phlanaichean an SNP airson feachdan armaichte do dh'Alba neo-eisimeilich. Tha Mgr Hammond a' faighneachd am biodh saighdearan Albannach a th' ann am feachdan Bhreatainn an-dràsta deònach gluasad gu arm Alba neo-eisimeilich. Tha an SNP ag ràdh gum bu chòir do Mhgr Hammond a leisgeul a thabhann, an dèidh naidheachd na seachdain seo chaidh gum bi nas lugha de dh'fheachdan Bhreatainn na bha dùil stèidhichte ann an Alba a' chiad ghreis.

Sìona

Chaidh Ceannard a' Phàrtaidh Chomunnaich ann an Sìona, Xi Jinping, ainmeachadh mar Cheann-suidhe ùr na dùthcha aig seirbheis ann am Beijing. Tha Sìona ag atharrachadh a cinn-suidhe aon turas gach deich bliadhna.

Sluagh Aosta

Thuirt comataidh ann an Taigh nam Morairean nach eil Breatainn air ullachadh idir mu choinneimh sluaigh a tha a' sìor-fhàs nas sine, agus beò nas fhaide. Thuirt a' chomataidh gum feum atharrachadh mòr tighinn air Seirbheis na Slàinte, cùram sòisealta augs siostam nam peinseanan. Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gu bheil plana aca mu choinneimh nan rudan sin, ach tha eòlaichean peinsein ag ràdh gum bi cùisean fìor-dhoirbh do sheann daoine.

Cìs nan Seòmraichean-cadail

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste am measg nan ùghdarrasan ionadail a tha a' cur teagaimh ann an cìs air seòmraichean-cadail ann an taigheadas sòisealta. Thàinig e am follais gun deach innse do bhoireannach aig a bheil flat air màl ann an Inbhir Nis agus a tha a' fulang le MS gum feum i pàigheadh airson an dàrna seòmair-chadail san dachaigh aice, ged a tha i a' cleachdadh an t-seòmair sin airson stuthan meidigeach a tha a dhìth oirre a stòradh ann.