Comhairle na Gàidhealtachd teagmhach mu Chìs nan Seòmraichean-cadail

  • 14 Am Màrt 2013
Amanda Papworth
Image caption Tha na Papworths a' cleachdadh an t-seòmair airson uidheamachd riatanach is stuth meidigeach a stòradh airson MS Amanda.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg nan ùghdarrasan ionadail a bharrachd a th' air teagamhan a thogail mu chìs nan seòmairean cadail mar a tha cuid a' gabhail air.

Tha cuideam ga chur air Riaghaltas Westminster cur às dhan chìs, 's rabhadh ann gum bi a' cheart uidhir na aghaidh 's a bha an aghaidh na cìse coimhearsnachd ann an Alba.

Thàinig e am follais gun deach innse do bhoireannach aig a bheil flat air màl ann an Inbhir Nis agus air a bheil MS gum feum i pàigheadh airson an dàrna seòmair-chadail anns an dachaigh aice ged a tha i ga chleachdadh airson stuthan meidigeach a stòradh.

Tha Amanda Papworth, a bhios a' cleachdadh cathair-cuibhle, agus an duine aice Peter a tha na fhear-cùraim dhi, am measg a' chiad fheadhainn san dùthaich air am buail a' chìs.

Stuth riatanach

Fhuair iad fios air na dh'fheumas iad pàigheadh airson seòmar a bharrachd a bhith san dachaigh aca - a tha leis a' Chomhairle - ann an Inbhir Nis.

Feumaidh iad £9.69 a bharrachd a lorg gach seachdain.

"Tha cuid de sheachdainnean ann far a bheil na bilichean agad air fad a' tighinn a-mach aig an aon àm," thuirt Amanda.

"'S tha cuid de sheachdainnean nach urrainn dhut," thuirt i.

"Tha fhios agam nach eil coltas mòr air an t-suim sin, ach dhuinne 's tòrr a th' ann," thuirt Peter.

Fon phoileasaidh ùr, a tha mar phàirt de sgeama ath-leasachaidh nan sochairean sòisealta aig Riaghaltas Westminster, chan eil roghainn eile aig a' chupal ach a bhith air an gluasad gu taigh le aon sheòmar-cadail, agus an seòmar a bharrachd a th' aca a ìobairt - seòmar a tha ga chleachdadh airson stuth meidigeach riatanach a stòradh airson Amanda.

"'S e stuth a tha seo airson cùraim Amanda," thuirt Peter.

"Bidh luchd-cùraim a' tighinn trì tursan san t-seachdain a choimhead às dèidh Amanda.

"Bidh nurs sgìreil a' tighinn an-dràsta gach là airson diofar rudan dhi.

"Chailleadh sinn an stòradh seo air fad. Cha bhiodh àite againn far an cuireadh sinn càil den stuth. Cathairean-cuibhle no càil den leithid sin.

"Anns an àm ri teachd, nuair a dh'fhàsas an MS a th' air Amanda nas miosa, thig e chun na h-ìre far am feum mise seòmar-cadail dhomh fhèin.

"Ann an taigh le dìreach aon sheòmar-cadail, cha bhi cothrom air sin," thuirt i.

"Tha an smuain a bhith a' fàgail mo dhachaigh... Tha mi air a bhith an seo ochd bliadhna a-nis. Chan urrainn dhaibh mo ghluasad à seo.

"Chan eil e cothromach. An rud as mì-chothromaiche a chunnaic mi riamh," thuirt i.

Prìosan

Thuirt Roinn na h-Obrach 's nam Peinseanan nach robh e cothromach gu bheil an Stàit a' pàigheadh airson daoine a bhith a' fuireach ann an dachannan nas motha na b'urrainn dhaibh pàigheadh iad fhèin.

Ach tha iad ag ràdh gu bheil iad a' toirt £160m do dh'ùghdarrasan ionadail airson an fheadhainn as motha a th' ann an cunnart a chuideachadh.

"Mar a thig na bilichean tron doras, tha e cudromach gun aithnich sinn gu bheil cumhachd aig ùghdarrasan ionadail co-dhùnadh stèidhichte air an airgead sin. Agus feumaidh iad na co-dhùnaidhean sin a dhèanamh ann an dòigh a tha ciallach agus practaigeach," thuirt am BPA Tòraidheach, Ailig Johnstone.

"Tha e riatanach nuair a tha uidhir de dhaoine a tha a' sireadh dachaigh, agus uidhir de dhaoine aig nach eil feum air dachaigh cho mòr 's a th' aca, gum bi dòigh air choireigin againn air dèiligeadh ri seo," thuirt e.

Ach tha Cathraiche Comataidh an Ath-leasachaidh Shochairean aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Lib-Deamach Alasdair Christie, an aghaidh a' phàirt a th' aig a phàrtaidh anns a' phoileasaidh.

Tha e a' toirt rabhaidh gun dìol e air a' Cho-bhanntachd.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tomhais gu bheil mu 3,000 luchd-màil againn air an toir Cìs nan Seòmraichean-cadail buaidh," thuirt e.

"Tha mi a' smaointinn gur dòcha gum faic sinn an aon seòrsa freagairt bhon t-sluagh 's a bh' ann don Chìs Choimhearsnachd.

"Tha cuid de na prìomh phàirtean de Chìs nan Seòmraichean-cadail a' dol a dh'ionnsaigh cridhe nan rudan ris a bheil dùil againn bho dhùthaich a tha cothromach agus ionraic," thuirt e.

Tha Peter agus Amanda Papworth ag ràdh, san eadar-ama, ged nach urrainn dhaibh an dachaigh a th' aca a chumail iad fhèin, gun dèan iad gach rud a dh'fheumas iad airson fuireach ann.

"Cha phàigh mi e. Tha mi a' diùltadh gu buileach a phàigheadh.

"Dè nì iad? Mo bhean fhàgail gun dachaigh?

"Tha mi gu math deònach a dhol don phrìosan airson gun a bhith air a phàigheadh. 'S cha phàigh mi e," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile