Biadh ionadail na Gàidhealtachd gus fàs

  • 14 Am Màrt 2013
Glasraich
Image caption Thèid lìonra a stèidheachadh do luchd-àraich air feadh na Gàidhealtachd.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd barrachd taic a thoirt do mhargaidhean a tha a' reic bìdh ionadail.

Bidh iad a' brosnachadh cheanglaichean eadar luchd-àraich agus margaidhean, agus thèid £12,000 a chosg a' taisbeanadh agus a' dèanamh sanasachd air stuth bhon Ghàidhealtachd aig Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd am bliadhna.

Le ùidh a' sìor-fhàs am measg luchd-ceannaich a thaobh cò às a tha am biadh aca, thathas a' faicinn chothroman do luchd-àraich bheaga a bhith a' reic sna sgìrean aca fhèin.

Chan eil e furasta ge-tà, ceangal a dhèanamh ris an luchd-ceannaich - no an rathad eile - agus na bùithdean mòra a' riaghladh, gu ìre mhòir, margaidh a' bhìdh.

Grèim

'S ann air an cumhachd sin a lùghdachadh beagan a tha a' Chomhairle ag amas, agus leis, a bhith a' brosnachadh na h-eaconamaidh ann an sgìrean ionadail.

Tha an luchd-àraich ann. 'S e bhith a' leudachadh an cothroman air margaidh an dùbhlan.

"Theann mise 's dòcha còrr is 20 bliadhna air ais, a bhith a' fàs stuth dhuinn fhèin an toiseach, agus an uair sin a bhith a' fàs airson a reic ris na taighean-òsta agus taighean-bìdhe 's mar sin air adhart," thuirt Calina NicDhòmhnaill, a bhios ag àrach ghlasraich gu coimearsalta san Eilean Sgitheanach.

"Aig an àm a bha sin, bha daoine a' cantail "och cho annasach 's a bha e" biadh ionadail a bhith aca.

"Ach a-niste, tha daoine a' smaointeachadh gu bheil còir aige a bhith ann, 's gum faigh iad e gu math soirbh. Ach tha eagal orm nach eil sin a' tachairt," thuirt i.

Dh'aontaich Comataidh Dealbhachaidh, Àrainneachd agus Leasachaidh na Comhairle iomadh ceum a ghabhail airson margaidhean do luchd-àraich ionadail a leudachadh.

Nam measg, a thuilleadh air an taisbeanadh aig Fèill Àiteachais Rìoghail na Gàidhealtachd, cuirear taic ri lìonra a stèidheachadh eadar luchd-àraich eadar-dhealaichte air feadh na Gàidhealtachd.

"Leis gu bheil grèim aig na bùithdean mòra mu amhaich na h-eaconamaidh, faodaidh iad an ìre mhath na prìsean aca fhèin innse," thuirt Ridseard Laird, a tha na Chomhairliche airson Meadhan Inbhir Nis.

"Tha e doirbh do gu leòr den luchd-àraich na cosgaisean aca a chòmhdachadh ri linn sin.

"Bu mhath leamsa atharrachadh fhaicinn a thaobh sin, feuch gun obraich sinn còmhla ris na bùithdean mòra agus ris an luchd-reic, gus a dhèanamh nas fhasa biadh ionadail fhaighinn.

"Sin an dòigh, saoilidh mi, ma tha sinn a' dol a dhèanamh adhartais mhòir a thaobh biadh ionadail," thuirt e.

Tha Calina NicDhòmhnaill a' faicinn gum faod a' Chomhairle ceuman eile a ghabhail gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan.

"Tha fhios agam nach eil an t-airgead aca, 's tha iad an còmhnaidh a' gearain nach eil bud airgead aca.

"Ach anns an là a th' ann, tha tòrr talmhainn aig a' Chomhairle. Dh'fhaodadh iad 's dòcha a thoirt seachad do choimhearsnachdan nach eil mòran talmhainn timcheall orra.

"Tha sinne an seo san Eilean Sgitheanach agus tha 's dòcha talamh croitearachd nach eil ga chur gu feum.

"Cha leig sinn a leas bruidhinn ri cuid mhòir de na croitearan, no mu dheidhinn na croite uile gu lèir, ach dìreach oisean acair no dhà.

"Agus sin a thoirt do choimhearsnachdan fiù 's gus am faod iad am biadh aca fhèin fhàs. Dhèanadh sin diofar mòr," thuirt i.

Thèid cothroman a thoirt do luchd-àraich a tha ag iarraidh am biadh a shanasachd aig tachartasan mòra leithid Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis, agus Chupa Ryder.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile