Cearbain na h-Alba gan leantainn bliadhna eile

  • 13 Am Màrt 2013
Cearban Image copyright PA
Image caption Thèid tagaichean a chur ann an 29 cearbain a bharrachd as t-Samhradh am bliadhna.

Leanaidh luchd-saidheans orra le pròiseact a tha a' cumail sùil air cearbain ann an uisgeachan na h-Alba airson bliadhna eile.

Tha cothrom air a bhith aig a' phoball anns na seachd mìosan a dh'fhalbh ochd de na creutairean a leantainn air-loidhne, às dèidh mar a chaidh tagaichean a chur annta far a' chosta an iar san Iuchar an-uiridh.

Tha dà de na cearbain air siubhail nas fhaide na bha dùil, le fear aca a' ruighinn costa Phortagail, agus fear eile na h-Eileanan Canary, far chosta an iar Afraga - turas còrr is 3,000 cileamatair.

'S iad SNH agus Oilthigh Exeter ann an Sasainn a thòisich am pròiseact, a tha ag amas air tuilleadh fhaighinn a-mach mu bheatha nan creutairean.

Chithear àireamhan mòra dhiubh sna h-uisgeachan faisg air Colla Tiriodh agus Canaigh gach samhradh.

Anns an ath-ìre den phròiseact, thèid tagaichean a chur ann an 29 cearbain eile as t-Samhradh am bliadhna, a' cleachdadh diofar uidheamachd lorg, feuch càite am bi iad a' dol sa Gheamhradh.

Tha an obair mar phàirt de phròiseact nas motha a bhios a' stiùireadh poileasaidh an Riaghaltais Albannaich air a' mhuir.

Cuiridh toraidhean a' phròiseact ri co-dhùnaidhean sgìrean glèidhteachais a stèidheachadh sa mhuir.

Tha SNH agus Oilthigh Exeter ag iarraidh air duine sam bith a lorgas taga air a' chladach fios a chur orra. Tha na tagaichean dubh-liath, air chruth torpedo, 15-18cm de dh'fhaid le antena beag.

Tha duais ri fhaotainn airson gach taga a thèid a thilleadh thuca.

Faodar fios a chur air SNH aig an oifis san Òban air 0300 244 9360.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile