An Camas Mòr
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Camas Mòr ro Chùirt an t-Seisein

13 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh plana connspaideach baile ùr a thogail ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air beulaibh Cùirt an t-Seisein.

Tha buidhnean glèidhteachais feargach gu bheilear airson 1,500 taigh a thogail anns a' Chamas Mhòr, faisg air an Aghaidh Mhòir.

Tha dragh orra mun bhuaidh a bhios aig an àite ùr air fiadh-bheatha na sgìre.

Mhìnich Dòmhnall MacLaomainn barrachd mun phlana.