Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aois a' Bhòtaidh

Chuir Riaghaltas na h-Alba bile mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann an-diugh le moladh aois a' bhòtaidh a ìsleachadh gu 16 ann an referendum na h-ath-bhliadhna air neo-eisimeileachd. Tha Riaghaltas SNP na h-Alba ag ràdh gum bu chòir bhòt a bhith aig daoine òga den aois sin ann an co-dhùnadh a bheir buaidh air am beatha.

Savile

Chaidh feachdan poilis air feadh Bhreatainn a chàineadh airson nach tug iad feart air gearainnean gun robh Jimmy Savile ri ionnsaighean drabasta. Thuirt Luchd-sgrùdaidh na Bàn-righinn airson Seirbheis nam Poileas gun deach cùisean a thoirt gu aire nam Poileas an toiseach ann an 1963, ach nach do rinn iad dad leis an fhiosrachadh sin.

Taghadh a' Phàpa

Tha 115 chàrdanal na h-Eaglaise Caitligich a' tòiseachadh air Pàp ùr a thaghadh anns an Ròimh. Bidh a' chiad bhòt dhìomhair ann feasgar an-diugh.

Na h-Eileanan Fàclannach

Dh'iarr Dàibhidh Camshron air Argentina spèis a thoirt do mhuinntir nan Eileanan Fàclannach, a leig fhaicinn ann an referendum gu bheil iad airson fuireach fo ùghdarras na Rìoghachd Aonaichte. Bhòt còrr is 1,500, agus 's e dìreach triùir a bhòt an aghaidh a' mholaidh. Tha Argentina, a tha a' cumail a-mach gur ann leath-se a tha na h-eileanan, ag ràdh nach eil luach laghail sam bith anns a' bhòt.

Cìs nan Àrasan

Tha na Làbaraich a' cumail deasbad agus bhòta ann an Taigh nan Cumantan feasgar air cìs ùir Mansion Tax, air taighean mòra. Bha na Libearalaich Dheamocratach a' moladh na cìse ùire sin aig an taghadh mu dheireadh, ach tha dùil gum bhòt iad na aghaidh an-diugh.

An Camas Mòr

Tha tagradh laghail a' tòiseachadh às ùr an-diugh aig Cùirt an t-Seisein an aghaidh sgeamaichean taigheadais a th' aig Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh anns a' Phlana Ionadail aca. Tha Buidheann Glèidhteachais Bhàideannaich agus Srath Spè, Iomairt a' Chàirn Ghuirm, agus an carthannas Buglife, an dòchas gun gabh britheamh ri an tagradh gum bu chòir do dh'ùghdarras na Pàirce measadh ceart a dhèanamh air buaidh nan taighean air àrainneachd na sgìre.