An duais iomain as sine san t-Saoghal

Duais Gheibhear cothrom sùil a thoirt air an duais as sinne ann an iomain ann an Cataibh air a' mhìos seo.

Thèid an duais iomain as sine san t-Saoghal a thaisbeanadh aig geama sònraichte ann an Cataibh Disathairne.

Chaidh an cupa caran neo-àbhaisteach - adharc reatha le pìosan airgid ann - a thoirt seachad le muinntir paraiste na Cluaine ann an Cataibh ann an 1829.

Thug iad an cupa dhan Mhàidsear Clunes ann an Crachdaig mar thaing dha airson na taice a chuir e ri geama na bliadhna ùire air Tràigh Loth eadar fireannaich na sgìre gach bliadhna.

Chaidh an cupa à sealladh airson iomadh bliadhna ge-tà, mus do nochd e ann am bùth ann an Inbhir Nis ann an 1922.

Chaidh a cheannach agus a thilleadh do Chrachdaig - ach chaidh an cupa à cuimhne dhaoine a-rithist is e na laighe ann an taigh san sgìre.

Cuimhneachan

Sin co-dhiù gus an do cho-dhùin muinntir an àite gun cluicheadh iad geama iomain air Tràigh Loth am bliadhna mar chuimhneachan air na geamaichean iomraiteach ud air an tràigh san 19mh linn, agus mar phàirt de dh'oidhirp Taigh-tasgaidh Timespan ann am Bun Ilidh 'son comharrachadh 200 bliadhna bho na fuadaichean uabhasach ann an Srath Chill Donnain.

Thàinig Màiri Dudgeon bho Thuathanas Chrachdaig air adhart an uair sin 'son innse gun robh an seann chupa aice.

Ron a seo bhathas a' creidsinn gum b' e Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu - a thòisich ann an 1879 - an duais as sinne ann an camanachd.

"Tha seo cudromach ann an eachdraidh na h-iomain agus tha e cudromach air a' bhliadhna shònraichte seo nuair a tha daoine a' comharrachadh na thachair ann an Srath Chill Donnain," thuirt eòlaiche na h-iomain, Uisdean MacIllinnein.

"Dlùth-cheangail"

"Tha seo a' dearbhadh dhuinn an dà chuid a' phàirt a bh' aig geamaichean bliadhna ùire ann an saoghal agus coimhearsnachd na sgìre aig an àm, agus cuideachd an dlùth-cheangail a bha eadar camanachd agus beatha dhaoine anns an fharsaingeachd.

"Mar eisimpleir, chaidh aon gheama a chur air dòigh gus am faigheadh muinntir na sgìre air sùil a chumail air an uachdaran agus dè bha e a' dèanamh.

"Bha camanachd mar gum biodh na innleachd aig muintir na coimhearsnachd airson a bhith a' toirt a' char às an uachdaran," thuirt e.

Tillidh na daoine dhan tràigh a-nise Disathairne aig 3:00f 'son geama iomain, is iad ag ràdh gu bheil iad 'son "na seann dòighean" a chomharrachadh.

Bidh an seann chupa ann, is nochdaidh e a-rithist aig òraid aig Uisdean MacIllinnein aig Taigh-tasgaidh Timespan ann am Bun Ilidh aig 6:00f Dihaoine an 22mh den mhìos.

Cupanan eile

Thèid Cupa Chomann Ceilteach Ghlaschu agus seann duais eile - Adharc Sgeaboist - a thaisbeanadh an oidhche sin cuideachd.

An ath-là bidh geama eile car annasach aca ann am Bun Ilidh.

'S e am fear-ealain Anthony Schrag - a tha stèidhichte aig Timespan an-dràsta agus e a' feuchainn ri toirt air daoine beachdachadh air na fuadaichean ann an dòigh diofraichte - a chuir an gnothach air dòigh.

'S e "muinntir an àite an aghaidh an fheadhainn a thàinig dhan sgìre" a th' aige air a' gheama air an 23mh, a thòiseachas aig 2:00f.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.