Ceadan marbhaidh ghèadh "ro shlaodach"

  • 12 Am Màrt 2013
Geòidh ghlasa
Image caption Sheall tomhas gu bheil a dhà uiread de gheòidh ann am bliadhna 's a bha o chionn dà bhliadhna.

Tha uallach air croitear ann an Leòdhas mun àm a tha e a' toirt cead fhaighinn losgadh air geòidh gus am marbhadh.

Thuirt Ailig Dòmhnallach nach d'fhuair e freagairt fhathast às dèidh dha a chur a-steach airson cead bho Dhualchas Nàdair na h-Alba air a' mhìos seo chaidh.

Tha e a' dèanamh dragh cuideachd do Mhgr Dòmhnallach gu bheil àm breith nan uan gu bhith a' tòiseachadh a dh'aithghearr, agus tha e ag ràdh gu bheil na geòidh a' dèanamh sgrios air a' chroit aige.

"Rinn iad cunntas o chionn mìos, 's tha àireamhan a dhà uiread am bliadhna 's a bha iad o chionn dà bhliadhna," thuirt e.

Cead

"Aig deireadh na bliadhna bidh sinn a' feuchainn ri pàircean a ghlèidheadh airson gum bi iad glan aig àm breith nan uan.

"Ach na geòidh, tha iad a' fàgail milleadh mòr, a' slaodadh an fheòir a-mach leis na freumhaichean.

"Tha iad a' fàgail buachair mhòir, shaoileadh tu gur e ceud mart a bh' air a bhith sa phàirc agad.

"Chan e a-mhàin sin, ach an-uiridh bha sinn a' faicinn cuid mhòr de na caoraich a' tilgeil an cuid uan, 's gan call. Agus cuideachd caoraich òga a' bàsachadh.

"Agus an rannsachadh a rinneadh air na beathaichean sin, fhuair e gur e buachair nan gèadh a bu choireach dhaibh bàsachadh.

"Aig toiseach a' Ghearrain, tha e dùinte. Tha e an aghaidh an lagha losgadh orra no am marbhadh gun chead.

"Tha thu a' cur a-steach airson cead, agus an uair sin tha thu a' feitheamh brath fhaighinn o mhuinntir SNH ann an Inbhir Nis, agus 's dòcha gun toir e grunn math sheachdainnean.

"San àm a tha sin, tha an cron air a dhèanamh, 's aon uair 's gun tig an cead chan eil feum sam bith ann, tha na geòidh air na pàircean agad a mhilleadh air fad.

"Chan e a-mhàin sin ach tha cosgais mhòr ann am bliadhna le biadh. Fiù 's feur.

"Ga cheannach ann an seo cha-mhòr nach eil sinn a' pàigheadh £6 am bèile.

"Tha daoine ag ràdh carson nach eil sibh a' fàs an stuth agaibh fhèin? Uell, chan urrainn dhuinn airson fad an t-Samhraidh tha na geòidh an seo, agus aon uair 's gun geàrr sinn am feur, tha am buachair an teis meadhain nam bèilichean againn a-rithist, 's tha sin puinnseanta.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha a bhith gu math furasta cead fhaighinn gu math luath.

"Grunn math sheachdainnean, chan eil sin math gu leòr," thuirt e.

Tha SNH ag ràdh gu bheil iad duilich gu bheil e a' toirt cho fada na ceadan a thoirt seachad.

"Cha bu chòir dha a bhith a' toirt cho fada seo idir idir, agus tha sinn gu math duilich gun tug e cho fada anns an t-suidheachadh seo," thuirt Emily Edwards, bho SNH.

"Mar as trice, nuair a gheibh sinne iarrtas, bidh daoine a' faighinn cead an ceann 's dòcha là no dhà.

"Anns an t-suidheachadh seo tha sinn air a bhith a' feitheamh air fiosrachadh bho bhuidhinn air an taobh a-muigh mar gum biodh. 'S e sin a tha a' cur dàil air.

"Cuideachd tha leasachaidhean air a bhith againn air an t-siostam, agus faodaidh daoine a-niste iarrtas a chur a-steach gu h-eileactronaigeach, agus tha sinn ag obair air barrachd leasachaidhean anns na seachdainnean agus na mìosan a tha romhainn cuideachd," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile