Sàr Ghàidheal air caochladh

  • 11 Am Màrt 2013
Murchadh MacLeòid
Cheumnaich Murchadh bho Oilthaigh Obar Dheathain is Caimbridge.

Chaochail Murchadh MacLeòid, no Murchadh HMI mar a b' fheàrr a dh'aithnicheadh daoine e.

Bha Maighstir MacLeòid, a bhuineadh do Ghriais ann an Leòdhas, 83 bliadhna a dh'aois.

B'e an dux ann an Àrd Sgoil Mhic Neacail ann a 1946, agus cheumnaich e aig a' phrìomh ìre ann an Oilthaigh Obar Dhethainn ann an Ceilteas agus Laideann.

Chur e ùine seachad cuideachd aig Oilthaigh Chambridge far an d'fhuair e ceum aig a' phrìomh ìre ann an Seann Litreachais sa Bheurla agus Seann Lochlanais.

Fear-sgrùdaidh

An deidh Seirbheis Nàiseanta a dheanamh anns a nèibhi, thìll e a dh'Obar Dheathain airson crìoch a chur air ionnsachadh teagasg agus ann a 1955 b' ann am Barraigh a fhuair e a' chiad dreuchd aige, far an robh e na fhear-teagaisg Gàidhlig is Laidinn, agus bha e anabarrach dèidheil air an eilean.

B' e Fear-sgrùdaidh na Gàidhlig ann an Sgoiltean na h-Alba eadar 1969-1989, dreuchd anns an robh meas mòr air.

Cuideachd, b' àbhaist dha a bhith na fhear-stiùiridh Gàidhlig aig seann Chomhairle Shiorrachd Inbhir Nis.

A thuilleadh air an sin, bha e na Leabhar-lannaiche Urramach air Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.

Chuir Maighstir MacLeòid seachad a' mhòr chuid de bheatha a' fuireach ann an Inbhir Nis.

Tha e a' fàgail a bhean, Catherine, dithis mhac agus coignear oghaichean.