Casg dì-chroitearachd "a' fuireach aig an ìre seo"
Thuirt Coimisean na Croitearachd gum feum casg air dì-chroitearachd a tha an sàs air sealbhadairean-croite fuireach ann an àite aig an ìre seo.
Thuirt an Coimisean gu bheil comhairle laghail a' dearbhadh dhaibhsan nach eil an lagh an-dràsta a' toirt cead do shealbhadair croite - croitear a th' air a' chroit aca a cheannach - fearann a thoirt a-mach à croitearachd airson taigh a thogail no leasachadh sam bith eile.
Thuirt an Coimisean gu bheil iad a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh, agus dh'iarr iad air duine sam bith dha bheil an suidheachadh sin a' dèanamh duilgheadas comhairle laghail neo-eisimeileach fhaighinn.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~52~RS~)

CNES ag iarraidh RET is ADS air ais
A' cuimhneachadh air Calum Cille
Eileanach a' trèanadh ann an Serbia