Wi-Fi air bàtaichean-aiseig ro dheireadh na bliadhna

MV Eilean Leòdhais Bha an t-ath-chuinge gu bhith a' dùnadh aig 4:00f Dihaoine, ach dh'innis Cal Mac an co-dhùnadh ron a sin.

Gheibhear cothrom air eadar-lìon Wi-Fi air bàtaichean-aiseig Chal Mac a sheòlas eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr ro dheireadh na bliadhna.

Thàinig an naidheachd agus Comhairle Òigridh Bharraigh air ath-chuinge a chur air dòigh air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba, 's iad ag iarraidh cothrom fhaighinn air Wi-Fi air slighean-aiseig.

Chuir BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianain MacNèill, agus Alasdair Allan BPA, fàilte air a' cho-dhùnadh.

Bha an t-ath-chuinge gus dùnadh aig 4:00f Dihaoine

Chuir Com-pàirteachas Dealbhachaidh Coimhearsnachd nan Eilean Siar an taic ris an iarrtas cuideachd.

Thuirt Cathraiche a' Chom-pàirteachais, Aonghas Caimbeul, gun robh e misneachail a bhith a' faicinn eileanach òga a' gabhail gnothach ris an t-siostam dheamocratach.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.