Ath-chuinge airson Wi-Fi air bàtaichean-aiseig

  • 8 Am Màrt 2013

Tha buidheann de dh'òigridh ann am Barraigh air ath-chuinge a chur air dòigh is iad ag iarraidh air a' chompanaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhriuthainn eadar-lìon wi-fi a chur an sàs air na h-bàtaichean aca.

Tha gu 4:00f Dihaoine aig daoine an ainm a chur ris an ath-chuinge aig Comhairle Òigridh Bharraigh.

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Sair, Aonghas Caimbeul, air obair na buidhne a mholadh, agus thuirt e gu bheil e a' cur a làn-thaic ris an iarrtas aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile