Strì mhòr airson cead air Asulam
Tha an rainneach dualtach sgapadh gu farsainn, agus chan eil stuth ceimigeach eile ann a tha a' cur smachd air.
Thèid strì mhòr a dhèanamh gus am faigh tuathanaich agus croitearan cead Asulam a chur gu feum anns na bliadhnaichean a tha romhainn.
Chaidh casg a chur air an stuth cheimigeach, a thathas a cleachdadh gus an raineach a chumail fo smachd, aig toiseach na bliadhna.
Ach dh'innis an t-Aonadh Eòrpach gan gabh e cleachdadh san Rìoghachd Aonaichte air an t-Samhradh seo.
"'S e naidheachd uabhasach math a th' ann an sin, gun d'fhuair iad an cead airson na bliadhna seo," thuirt Raibeart Dòmhnallach bho Aonadh nan Tuathanach (NFU).
An Gartan"Agus tha mi an dòchas gur e a' chiad cheum a th' ann airson gum faigh sinn an cead air ais uile gu lèir.
"Às aonais, chan eil dòigh sam bith ann airson cur às dhan rainneach.
"'S e an aon rud a th' againn, as urrainn dhuinn a dhol a-mach agus a fhrasadh air airson cuidhteas fhaighinn den rainneach air na monaidhean an-diugh.
"Tha sin uabhasach riatanach, oir ma tha rainneach air fhàgail, sgapaidh e air feadh nam monaidhean uile.
“Start Quote
End Quote Raibeart Dòmhnallach NFU na h-AlbaNuair a gheibh thu meall rainnich, tha an gartan a' tighinn a-steach cuideachd”
"Tha an rainneach a' marbhadh às a h-uile sian eile gus nach eil ann ach rainneach.
"Chan eil e math dha na h-eòin, 's chan eil e math dha na beathaichean e a bhith mar sin.
"Chan urrainn dhan chrodh 's dha na caoraich an rainneach ithe. Tha e na phuinnsean dhaibh.
"Agus nuair a gheibh thu meall rainnich, tha an gartan a' tighinn a-steach cuideachd, agus tha sinn a' faicinn barrachd ghalairean às dèidh a' ghartain a-nise, agus chan eil thu ag iarraidh an gartain idir a bhith a' faighinn beathachadh mar sin.
"Ach cha do rinn iad ach cead a thoirt seachad airson na bliadhna seo fhèin.
"Feumaidh sinn a dhol air ais deireadh na bliadhna seo agus cead fhaighinn airson 2014.
"Bheir e dà bhliadhna airson a dhol ro na cùirtean anns a' Bhruiseal gum faigh sinn cead airson a thoirt air ais air fad.
"Nuair a thug iad an cead airson an aon bhliadhna, tha mi an làn-dùil gun toir iad an cead sin seachad," thuirt e.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~12~RS~)

Cead do thuath-gaoithe mhòr
Curaidhean na Camanachd
Teas grèine na Gàidhealtachd