Ministear ag aideachadh "adhartas slaodach" air foghlam Gàidhlig

  • 8 Am Màrt 2013
A' Ghàidhlig
Chan eil uidhir a' dèanamh Gàidhlig san àrd-sgoil 's a tha sa bhun-sgoil.

Dh'aidich Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan, gu bheil "adhartas nas slaodaiche" a' tighinn air foghlam àrd-sgoile sa Ghàidhlig, is e a' dèanamh coimeas le bun-sgoiltean.

Bha Mgr Allan a' bruidhinn an dèidh don Oll. Mata MacÌomhair a ràdh nach eil uiread de phiseach 's a bu chòir a' tighinn air foghlam Gàidhlig.

Thug an t-Oll. MacÌomhair iomradh sònraichte air Achd an Fhoghlaim (1872), 's e ag ràdh nach d'fhuair na Gàidheil seachad air buaidh an Achd chun an là an-diugh.

Cha robh iomradh sam bith san Achd air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus ri linn sin, cha deach càil a chur air dòigh ann an sgoiltean na stàite mu choinneimh sin, rud a thug buaidh mhòr air àireamhan an luchd-labhairt air feadh na Gàidhealtachd thar ùine.

Iarrtas

"Bha e ceart. Bha buaidh mhòr aige sin air saoghal na Gàidhlig," thuirt Mgr Allan.

"Ged a bha an Achd a' dèanamh tòrr rudan math ann an Alba airson foghlaim fhèin, bha e gu h-uabhasach an aghaidh na Gàidhlig air a' Ghàidhealtachd fhèin.

"Tha mise an còmhnaidh a' putadh airson barrachd dhaoine a dhol a-steach mar thidsearan Gàidhlig.

"Tha an t-iarrtas ann gun teagamh sam bith, am measg phàrantan agus choimhearsnachdan.

"Agus ann an tòrr àiteachan an Alba, agus ann an Alba air fad, tha na h-àireamhan a' dol suas anns na bun-sgoiltean.

"Tha mi a' tuigsinn na tha e ag ràdh mu dheidhinn àrd-sgoiltean. Tha adhartas nas slaodaiche ann an sin air sgàth 's nach eil na tidsearan ann, agus tha Bòrd na Gàidhlig agus an Riaghaltas a' putadh a-nis airson barrachd dhaoine a dhol a-steach air sin.

"Ach tha e cudromach a ràdh gu bheil an t-iarrtas ann," thuirt e.

Mhol an t-Oll. MacÌomhair cuideachd gun cuirte beagan den airgead a th' ann airson na Gàidhlig a dh'ionnsaigh sgrùdadh a dhèanamh feuch carson nach eil uidhir de dhaoine òga a' dèanamh Gàidhlig aig àrd-ìre anns na h-àrd-sgoiltean.

Thuirt Mgr Allan gun robh sgrùdadh a' dol aig diofar ìrean air a' phuing sin, ach cha do dh'ainmich e gun tèid airgead a chur a dh'ionnsaigh sgrùdaidh fharsainn.

"Gu cinnteach bidh an Riaghaltas ag èisteachd ris na beachdan a th' aige," thuirt Mgr Allan.

"Tha sinn a' feuchainn ri fhaighinn a-mach mu dheidhinn na fianais a th' ann mun phuing sin.

"Tha e inntinneach cuideachd gu bheil sgrùdaidhean a' tachairt ann an tòrr choimhearsnachdan Gàidhlig, mar eisimpleir Siabost ann an Leòdhas.

"Tha dòchas gu leòr ann, agus tha iarrtas gu leòr ann. Ach tha mise uabhasach toilichte a bhith ag èisteachd agus a' bruidhinn ris an Oll. MacÌomhair mu na beachdan aige, air sgàth 's gu bheil e cudromach gum bi a h-uile duine ag obair airson na Gàidhlig," thuirt e.