Ealain Leverhulme a' tighinn a Leòdhas?

  • 7 Am Màrt 2013
Caisteal Leòdhais
Image caption Tha obair-càraidh a' dol air adhart air a' chaisteal an-dràsta.

Dh'fhaodadh gun till pàirt de chruinneachadh ealain a' Mhorair Leverhulme air ais dha na h-Eileanan an Iar.

Tha obair a' dol faic am faod iad tighinn air iasad gu Caisteil Leòdhais, airson fosgladh oifigeil a' chaisteil nuair a bhios e deiseil.

Tha obair-càraidh luach £13m a' dol air adhart air a' chaisteil fhèin an-dràsta gus a dhèanamh na thaigh-òsta agus taigh-tasgaidh.

B'e Caisteal Leòdhais dachaigh a' Mhorair Leverhulme nuair a bha e na uachdaran air Leòdhas is na Hearadh anns na 1920an.