Laoidheadair nan Gàidheal

Pàdraig Grannd Bha ainm a' Ghranndaich aithnichte fad is farsainn, fiù 's thall-thairis.

Bha na coimhearsnachdan Gàidhealach ann an Leòdhas, leithid na tè anns an do dh'èirich mise suas, loma-làn de dh'òrain de gach seòrsa - saoghalta agus spioradail.

Ach cha b' ann tric a bha ainm bàrd sònraichte air bilean an t-sluaigh.

Sin far an robh Pàdraig Grannd eadar-dhealaichte, oir chan e a-mhàin gum biodh na laoidhean aige gan seinn, ach bha ainm an ùghdair fhèin aithniche dha-rìribh - co-dhiù ann an cearcallan Crìosdail an eilein, agus cha robh mòran gu tur air taobh a-muigh nan cearcallan sin anns an là ud.

Tha a-nis leabhar ùr air tighinn a-mach mu eachdraidh-beatha agus buaidh a' Ghranndaich, 's cha bu bheag a' bhuaidh i.

Dàin Spioradail

'S e ministear Baisteach à Glaschu - Seòras Mitcheall - a sgriobh "Highland Harvester" - fear a thug iomadh bliadhna air a' Ghàidhealtachd na theachdaire air Eaglais Bhaistich Inbhir Nis.

Ged nach eil cas a-steach aig an ùghdar - 's e gun Ghàidhlig - air fìor ealain nan òran fhèin, tha e air deagh oidhirp a dhèanamh air dìleab Phàdraig Ghrannd a thomhais.

Rugadh Pàdraig air tuathanas Bhaile an Tuath mu thrì mìle a-mach à Baile nan Granndach ann an 1783, 's an dèidh bàs a mhàthar nuair nach robh e ach còig mìosan de dh'aois, thog a sheanair 's a sheanmhair e ann am Baile an Lùig faisg a làimh.

Cuimhneachan Phàdraig Ghrannd Tha eaglais Phàdraig Ghrannd fhathast ga cleachdadh.

Thill Pàdraig a Bhaile an Tuath na chnapach, 's chaidh e fhèin an sàs ann an obair an fhearainn agus, an ceann sreath, bha e cuideachd air tòiseachadh a' searmonachadh anns na feasgaran am measg nan cruinnichidhean Baisteach anns an sgìre.

Air a' cheann thall bha e a' searmonachadh airson faisg air 60 bliadhna agus na mhinistear air Eaglais Bhaistich Bhaile nan Granndach airson 40 dhiubh.

Ged a chaidh e fad is farsaing feadh Gàidhealtachd, eileanan is Galldachd mar shoisgeulaiche, b' e na dàin spioradail iongantach aige bu mhotha a thug buaidh 's dòcha.

Nam èirigh suas-sa bha an leabhar aige - Dàin Spìoradail - ann an iomadh dachaigh ann an Leòdhas, agus tha cuimhne agam mo sheanmhair tric na suidhe an tac an teine gan seinn dhith fhèin far na duilleige.

Start Quote

Anns na laoidhean aig Pàdraig Grannd tha searmoin bheag, shìmplidh, shoilleir anns a h-uile gin dhiubh, a tha a' dol dìreach a dh'ionnsaigh a' chridhe”

End Quote Seumas Grannd

Bha a' bhuaidh farsaing agus maireannach: chan e a-mhàin gun tug Gàidheil a chaidh nan eilthirich a-null thairis na laoidhean leotha, ach tha iad rin cluinntinn chun an là an-diugh gan seinn san t-seann nòs agus cuideachd gan cuir ann an nòsan ùra le ceòl, le leithid Chaluim Mhàrtainn agus an nighean aige Iseabail Anna Mhàrtainn.

Chan eil teagamh aig an sgoileir Seumas Grannd - e fhèin à Srath Spè - carson a tha iad cho tarraingeach, leantainneach.

"Anns na laoidhean aig Pàdraig Grannd tha searmoin bheag, shìmplidh, shoilleir anns a h-uile gin dhiubh, a tha a' dol dìreach a dh'ionnsaigh a' chridhe agus stèidhich Pàdraig iad air cuid de na fuinn as brèagha a tha againn ann an saoghal na Gàidhlig," thuirt e.

Tha an eaglais aig Pàdraig Grannd - a thogadh ann an 1851 - ga cleachdadh fhathast, le ministear os a cionn à Aimeireagaidh, an t-Urr. Rick Moeller à Texas.

Tha esan gu math mothachail air buaidh eadar-nàiseanta spioradalachd Phàdraig.

"Thug eilthirich à Alba na h-òrain aige leotha do gach àite dhan deach iad. Sheinneadh iad iad nan dachaighean. Bha e iongantach a' bhuaidh a bh' aige anns an dòigh sin."

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.