Airgead-dìolaidh don Cheann a Tuath

  • 6 Am Màrt 2013

Gheibh muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean cead air airgead-dìolaidh airson amannan nuair a tha seirbheisean dealain a' dol dheth.

Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, a' cur às do bheàrn anns na t-siostam a bha a' diùltadh nan aon chòirichean do mhuinntir chinn a tuath na h-Alba agus a th' aig a' chòrr den Rìoghachd.

Thig siostam ùr gu bith ann an 2015, fo am faigh luchd-cleachdaidh cead air airgead iarraidh ma tha iad còrr is 12 uair de thìde gun dealain.