Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Companaidhean Iasaid

Thuirt Oifis na Malairt Cothromaiche gu bheil trì mìosan airson an dòighean-obrach atharrachadh aig companaidhean a tha a' toirt iasaid airgid seachad airson ùine ghoirid. Thuirt an OFT gu bheil dearbhadh aca gu bheil leithid nam "pay-day loan companies" mar a theirear riutha ri dòighean-obrach nach eil faisg idir air an ìre ris am biodh dùil anns a' ghnìomhachas.

Hugo Chavez

Tha seachd là de chaoidh nàiseanta ann an Venezuela an dèidh bàs a' Chinn-suidhe Hugo Chavez an-dè. Bha e 58 's air a bhith tinn le aillse. Bha e na Cheann-suidhe fad 14 bliadhna anns an tug e atharrachadh mòr air an dùthaich agus air feallsanachd phoileataigeach Aimeireaga a Deas. Bha e connspaideach agus e tric a' càineadh nan Stàitean Aonaichte.

Siria

Tha dearbhadh ann a-niste gu bheil millean duine air teicheadh bhon chogadh ann an Siria. Thuirt Coimisean Fògarrach nan Dùthchannan Aonaichte gur e clach-mhìle dhuilich a tha seo ann an eachdraidh thubaisteach mhic an duine.

Na Feachdan Armaichte

Tha Rùnaire Dìon nan Làbarach, Jim Murphy, a' fàgail air an Riaghaltas ann an Lunnainn gun tug iad a' char à daoine mun àireimh de na feachdan armaichte a bhios stèidhichte an Alba. Chaidh innse an-dè gum bi saighdearan Breatannach a' gluasad às a' Ghearmailt gu seann ionadan an RAF an Ceann Lois ann am Moireibh, an Luachair ann am Fìobha agus mu Dhùn Èideann. Ach cha bhi uidhir dhiubh ann 's a bha dùil, agus tha Jim Murphy ag ràdh nach robh an Riaghaltas onorach mun chùis.

Airgead-dìolaidh an Dealain

Gheibh muinntir na Gàidhealtachd 's nan Eilean cead air airgead-dìolaidh airson amannan nuair a tha seirbheisean dealain a' dol dheth. Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, a' cur às do bheàrn anns na t-siostam a bha a' diùltadh nan aon chòirichean do mhuinntir chinn a tuath na h-Alba agus a th' aig a' chòrr den Rìoghachd. Thig siostam ùr gu bith ann an 2015, fo am faigh luchd-cleachdaidh cead air airgead iarraidh ma tha iad còrr is 12 uair de thìde gun dealain.

Inbhir Ghòrdain

Tha Poilis a' dèiligeadh ri tachartas aig clàr-ola ann an Inbhir Ghòrdain far an deach duine a mharbhadh na bu tràithe an-diugh. Chaidh a' chùis a thoirt gu aire nam Poileas mu 06:50m. Chaidh a' chùis a chur gu Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd agus thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin. Cha tèid an duine ainmeachadh gus an tèid fios a chur air a theaghlach.