Ìmpidh Bhòrd na Gàidhlig air ceist an referendum

Leabhran comhairleachaidh an referendum Thuirt an Riaghaltas nach bi a' cheist ga cur sa Ghàidhlig.

Is coltach gun sgrìobh Bòrd na Gàidhlig gu Riaghaltas na h-Alba gus iarraidh orra ceist referendum na neo-eisimeileachd a chur sa Ghàidhlig a thuilleadh air a' Bheurla.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, nach robh adhbhar ann a' cheist a chur ann an Gàidhlig leis gun tuig na Gàidheil a' Bheurla co-dhiù.

A rèir Cheannard Bhòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh, 's e cothrom a tha seo sealltainn gu bheil co-ionnanachd spèis ga toirt dhan Ghàidhlig an coimeas ris a' Bheurla.

"Tha sinn a' gabhail ris gu dearbha gu bheil muinntir na Gàidhlig glè thric nas fheàrr anns a' Bheurla na tha daoine gun Ghàidhlig," thuirt Mgr MacAoidh.

"Ach chan e sin a' phuing. 'S e a' phuing a tha an seo, 's e gur e cànan oifigeil a th' ann an Gàidhlig ann an Alba aig an ìre seo, agus bhiodh e math dha-rìribh nan robh sin air aithneachadh le bhith a' faicinn ceist air a cur ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.

"Tha e cudromach gum faigh an cànan againn fhìn co-ionnanachd spèis ris a' Bheurla anns a' h-uile suidheachadh a ghabhas," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • Blàr FestubertCuraidhean na Camanachd

    Cuirm shònraichte aig Fèis Blas 2013 gus coimhead air a' cheangal eadar saoghal na camanachd agus na thachair anns a’ Chogadh Mhòr.


  • UIdheam UVTeas grèine na Gàidhealtachd

    Thèid uidheamachd rèididheachd a stèidheachadh aig Ospadal an Rathaig Mhòr son teas na grèine a chlàradh.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.