Duine a' dol leis a' chreig san Rubha

  • 4 Am Màrt 2013

Chaidh fireannach a thogail dhan ospadal le heileacoptair an dèidh dha a dhol leis a' chreig ann an Leòdhas.

Tha dùil gun do thuit an duine, a tha 44 bliadhna de dh'aois, 20 troigh sìos gu mol ann an Garrabost anns an Rubha.

Thachair an tubaist mu 7:30f oidhche na Sàbaid.

Chuir e fios air na seirbheisean èiginneach le fòn-làimhe agus chaidh a thogail le heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh agus a thoirt dhan ospadal.

Tha dùil gun deach a chas a leòn.