Airgead-dìolaidh às dèidh bàis aig crois-rèile an gallaibh
Bhàsaich Aonghas MacAoidh, a bhean Màiread agus a bhràthair Dòmhnall anns an tubaist.
Chaidh airgead-dìolaidh luach nan deichean mhìltean not a thoirt do dh'fhear a chaill a dhithis phàrantan aig tubaist-rathaid air crois-rèile air Ghàidhealtachd.
Chaidh Aonghas MacAoidh agus a bhean Màiread, an dithis aca 81 bhliadhna de dh'aois agus às Inbhir Nis, agus bràthair Mhgr MhicAoidh, Dòmhnall, aois 66 agus à Latharna, a mharbhadh san tubaist ann an Hàcraig an Gallaibh ann an 2009.
Bhuail trèana anns a' chàr aig crois-rèile gun gheataichean.
Thug Dòmhnall MacAoidh Network Rail gu lagh, 's e a' fàgail orra gur e dìth sàbhailteachd aig a' chrois-rèile a bu choireach ri bàs a phàrantan agus bràthair athair. Chaidh a' chùis a rèiteach taobh a-muigh na cùirte.
Cha deach an t-suim a fhuair Mgr MacAoidh, a tha 51 agus às Inbhir Nis, fhoillseachadh.
Dh'innis aithisg a dh'ullaich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean-Rèile (RAIB) às dèidh na tubaiste "nach do thuig Network Rail an cunnart a bh' ann aig an làraich, leis nach robh iad air an aire a thoirt do cheithir tubaistean a bh' air a bhith ann roimhe - tè dhiubh a bha mairbhteach.
"Nan robh a' chompanaidh air sin a dhèanamh, 's dòcha gun robh an cunnart a bh' ann air toirt orra barrachd a dhèanamh gus a' chrois-rèile a dhèanamh nas sàbhailte, agus gun robh rudan a bh' air an cunnart a lùghdachadh air an cur an sàs nas luaithe, agus mus do thachair an tubaist."
Chaidh sia atharrachaidhean a mholadh airson sàbhailteachd a leasachadh aig an làraich.
Ach thuirt an RAIB gur dòcha nach fhaca, no nach do thuig Mgr MacAoidh nach maireann, solais rabhaidh aig a' chrois-rèile aig an àm, agus gur coltach nach robh a speuclairean air nuair a thachair an tubaist.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~52~RS~)

Cead do thuath-gaoithe mhòr
Curaidhean na Camanachd
Teas grèine na Gàidhealtachd