Na Fuadaichean Ùra

  • 4 Am Màrt 2013
Fearann Image copyright Alfred Bini / Cosmos
Image caption Bidh companaidhean agus dùthchannan cèine a' ceannach talamh àiteach airson prothaid.

Chùm buidhnean leithid Oxfam co-labhairt ann an Cataibh Diluain, a' coimhead ris a' cheangal a tha eadar Fuadach nan Gàidheal agus daoine bochda gan cur às an fhearann air feadh an t-saoghail chun an là an-diugh.

Tha iomairt na bochdainn IF - anns a bheil Oxfam agus iomadh buidheann eile an sàs - air co-labhairt a chumail ann an ionad Timespan am Bun Illidh.

Chaidh baile Bhun Illidh a chruthachadh ri linn fuadachadh nan daoine ann an Srath Chill Donainn tràth san 19mh Linn.

Am measg na bha a' bruidhinn bha Minsitear an Leasachaidh Eadar-Nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba, Humza Yousaf.

Tha IF ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba pàirt a ghabhail ann a bhith a' strì an aghaidh fhuadaichean mar seo ann an dùthchannan bochda an t-saoghail.

Companaidhean agus Dùthchannan

Chaidh a' bhuidheann - Enough Food For Everyone IF - a chur air dòigh bho chionn ghoirid feuch aire dhaoine a thàladh chun na cùise.

Tha iad airson 's gun tèid riaghailtean teann eadar-nàiseanta a thoirt a-steach airson daoine air an fhearann a dhìon.

Sheall cunntas-bheachd ùr gu bheil iomagain air còrr 's dà thrìan de mhuinntir na h-Alba mu na tha a' tachairt le fearann ann an dùthchannan bochda.

Bha 65% de na daoine a chaidh a cheasnachadh ag ràdh gu bheil iad a' faicinn ceangail eadar seo 's na thachair aig àm nam Fuadaichdean air a' Ghàidhealtachd.

Thathas a' dèanamh dheth gun deach 250,000,000 hectaire talmhainn ann an dùthchannan bochda a reic ri no a thoirt seachad air màl do chompanaidhean eadar-nàiseanta, no fiù 's dùthchannan eile, bho 2001. Sin an aon mheud ri taobh siar na Roinn Eòrpa.

Tha IF ag ràdh gur e an t-sannt a th' air daoine anns na dùthchannan beairtach a tha ag adhbharachadh seo.

Tha companaidhean beairtach eadar-nàiseanta a' faighinn na talmhainn airson barrachd bìdh fhàs airson a reic, agus airson bàrr a nì bio-chonnadh.

Bidh companaidhean cuideachd a' ceannach talmhainn agus a' suidhe air gus an èirich a luach, gun dad a dhèanamh leis.

Ann an cuid de shuidheachaidhean tha fianais ann gun deach daoine leis an robh talamh a mhealladh gus a reic air droch phrìs.

Tha daoine a bha a' cleachdadh na talmhainn sin, agus a' tighinn beò air mar a bha an sinnsearan o chionn linntean, aig amannan gam fuadachadh gus an gabh sin dèanamh.

Thachair sin anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh ann an Uganda, ann an Guatemala, Honduras, Indonèisia agus Afraga.

Bha a' cho-labhairt a' coimhead ris na suidheachaidhean seo, agus feadhainn eile, agus gan samhlachadh ri Fuadachd nan Gàidheal san 19mh Linn.

Tha IF airson 's gun cuir Riaghaltas na h-Alba "Èisteachd Mhòr Eadar-nàiseanta" air dòigh, feuch na riaghailtean a theannachadh, agus muinntir an fhearainn a dhìon air feadh an t-saoghail bhon leithid.