Ath-thagradh mu chrainn-ghaoithe Bheàrnaraigh

Tursachan Chalanais Dhiùlt an Riaghaltas cead leis gum faicte na crainn-ghaoithe bho Thursachan Chalanais.

Tha croitear à Leòdhas, a tha a' feuchainn ri tuath-gaoithe beag a chur air adhart, ag ràdh gu bheil e a' dol a thagradh an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba cead a dhiùltadh dha.

Tha Tormod Dòmhnallach ag iarraidh dà chrann-gaoithe a chur an-àirde ann am Beàrnaraigh Leòdhais.

Bhiodh 45 meatar de dh'àirde anns na crainn, agus thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bu chòir dhan phròiseact a dhol air adhart.

Cha deach leis an iarrtas ge-tà, leis gun do chuir Alba Aosmhor na aghaidh seach gum biodh na crainn rim faicinn bho Thursachan Chalanais.

"'S e gnothach mì-choltach a th' ann. Tha croitearan eile a' crochadh air a' cho-dhùnadh a bha seo a thuilleadh ormsa," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha a' Chomhairle fhèin, anns a' phlana leasachaidh aca, chan eil guth air sòna falamh timcheall air na Tursachan idir.

"Tha e mar gum biodh tu a' marbhadh an àite gu lèir 's a' dèanamh fàsaich dheth.

"Chan fhaod duine crann-gaoithe a chur an-àirde. Agus an sia mu dheireadh dhiubh a th' air a dhol an-àirde air Rathad a' Phentland, tha iad follaiseach bho na Tursachan.

"Tha sin fhèin a' cur na h-argamaid a bh' aca a-mach à sealladh.

"Chan eil mi a' dol a sguir a shabaid. 'S tha croitearan eile air mo chùlaibh.

"Tha sinn am meadhan am fearann ann am Beàrnaraigh a cheannach an-dràsta a thuilleadh air a h-uile càil eile," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.