Fireannach san ospadal às dèidh tubaiste air an A9

  • 1 Am Màrt 2013

Tha fireannach air a thoirt don ospadal ann an Inbhir Nis às dèidh tubaist-rathaid air an A9 anns a' Mhonadh Liath.

Chaidh an rathad a' dol gu tuath a dhùnadh aig Tom Aitinn às dèidh na tubaiste, a thachair mu 08:15m

Thuirt na Poilis nach robh duine eile sa charbad, agus chan eil fiosrachadh ann aig an ìre seo air a shuidheachadh.

Chaidh an t-earrann den rathad fhosgladh a-rithist aig 10:40m.