Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fo-thaghadh

Dh'aidich am Prìomh Mhinistear gur e briseadh-dùil dha na Tòraidhean a th' ann am fo-thaghadh Eastleigh ann an Hampshire, far an robh am pàrtaidh anns an treas àite air dheireadh air UKIP. Chum na Libearalaich Dheamocratach an sgìre anns an robh Chris Huhne, a bha na bhall anns a' chaibineat, ach a dh'fhalbh an dèidh sgaineal mu bhacadh air siostam a' cheartais. Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil e gu math cinnteach gun till bhòt nan Tòraidhean aig an ath-Thaghadh Choitcheann.

Lloyds

Bha call ro chìsean de £570 millean air Buidheann Banca Lloyds ann an 2012. Tha sin gu math nas lugha na an call de £3.5 billion not a bhon-uiridh. Chuir am banca, a bhoineas ann am pàirt do luchd-pàighidh na cìse, £1.5 billion eile an darna taobh 'son airgead a thoirt air ais do dhaoine dhan deach àrachas a reic air nach robh feum aca.

Afraga a Deas

Chuir Seirbhis nam Poileas ann an Afraga a Deas casg bhon obair, rè ùine, air ochdnar oifigear aig an robh gnothach ri bàs dràibhear tacsi à Mozambique, a chaidh a cheangal agus a tharraing tro na sràidean bho chùl bhan-poileas. Chaochail an duine aig stèisean poileas ann an Daveyton faisg air Johannesburg.

Ratharsair

Bidh Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, ann an Ratharsaigh an-diugh an dèidh cur às dhan cho-dhùnadh còirichean seilg is iasgaich an eilein a thoirt do bhuidheann à Siorrachd Adhair. Rinn mòran càineadh air an Riaghaltas an nuair a thàinig e am follais an t-seachdain seo chaidh gun tug iad còirichean air falbh bho bhuidheann chroitearan ann an Ratharsaigh aig an robh màl fad ochd bliadhna deug air na còirichean. Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè gun deach cur às dhan chùmhnant le buidheann Shiorrachd Adhair agus gun tèid an t-aonta le croitearan Ratharsaigh a leudachadh 'son bliadhna eile.

Pròbhaist

Dhearbh poilis gu bheil iad ag ullachadh aithisg do Neach-Casaid a' Chrùin co-cheangailte ri Pròbhaist Inbhir Nis, Ailig Greumach, an dèidh rannsachadh mu aithris gu robh briseadh na sìth aig cuirm oifigeal sa bhaile. Tha e coltach gun robh deasbad eadar Mgr Greumach agus an Leas-Pròbhaist, Glynis Nic na Ceardaich, a tha air a dreuchd a leigeil dhith bhon uairsin.