Pròbhost Inbhir Nis fo rannsachadh

  • 1 Am Màrt 2013

Tha na Poilis air a bhith a' rannsachadh argamaid a thathas a' tuigsinn a ghabh àite eadar Pròbhost Inbhir Nis, Ailig Greumach, agus Leas-Phròbhost a' bhaile, Glynis Nic na Ceardaich.

Tha a' Bh.Ph. Nic na Ceardaich, a tha a' riochdachadh Uard Chùil Lodair agus Àird nan Saor, air a dreuchd a leigeil dhith bhon uair sin.

Tha na Poilis ag ràdh gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.

Tha Neach-casaid a' Chrùin air aithisg fhaighinn bho na Poilis mu aithrisean gun do bhris Mgr Greumach an t-sìth anns an argamaid, a bha mu chleachdadh sèinichean na oifis.