Aonadan-smàlaidh gus dùnadh

Luchd-smàlaidh Cha robh an dà aonad a' coileanadh nan slatan-tomhais airson an cumail fosgailte.

Bhòt Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson dà aonad-smàlaidh coimhearsnachd a dhùnadh.

A rèir na seirbheis-smàlaidh tha aonad Eilein Eige a' fàileachadh gach slat-tomhais a thathas a' cur roimhe airson seasmhachd aonadan a mheasadh.

Chan eil aonad Chnòideirt a' coileanadh ach aon de na slatan-tomhais.

Ged nach robh ach aon ghairm air an aonad ann an Eige anns na còig bliadhnaichean a dh'fhalbh, bha sgioba an eilein feargach mu na molaidhean, agus iad den bheachd gu bheil Eige ro iomallach airson a bhith air am fàgail às aonais aonaid-smàlaidh.

Bhòt am Bòrd, sa choinneimh mu dheireadh aig a' bhuidhinn mus tèid cur às do na bùird-smàlaidh sgìreil an ath-mhìos, 13-8 airson an dà aonad a dhùnadh.

Dhùin am Bòrd-Smàlaidh aonadan coimhearsnachd eile ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, agus Coit a' Ghartain ann an Srath Spè san Lùnasatal an-uiridh.

Bhon Ghiblean, cha bhi ach aon bhòrd-smàlaidh ann airson Alba gu lèir.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.