Wheelhouse ann an Ratharsair
Phàigh an Riaghaltas £9,000 airson cosgaisean na companaidh a th' air an cùmhnant a chall.
Coinnichidh Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, ri muinntir Ratharsair Dihaoine.
Bidh e air thuras ann an Ratharsair là as dèidh do Riaghaltas na h-Alba cur às dhan cho-dhùnadh còirichean seilge a thoirt air falbh bho chroitearan an eilein.
Bha ùpraid ann nuair a thàinig e am bàrr gur i companaidh à Siorrachd Àir a chuir a-steach an tairgse a b' àirde airson nan còirichean a bh' air a bhith an urra ris na croitearan son 18 bliadhna.
Dh'aidich an Riaghaltas Diardaoin gur e mearachd a rinn iad.
'"S e naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann," thuirt Cathraiche Comann Chroitearan Ratharsair, John Willie Mac Gill-Ìosa.
"Feumaidh sinn taing a thoirt dha an toiseach co-dhiù, agus taing dhan chuideachadh a fhuair sinn bho na BPA agus muinntir na h-Alba gu lèir.
"Agus an uair sinn bruidhinn ris feuch dè tha fa-near dhaibh, chan ann airson bliadhna, ach a' dol air adhart airson bhliadhnaichean.
"Bidh sinn an dòchas nach tachair an leithid gu bràth tuilleadh a-rithist," thuirt e.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~29~RS~)

MacCuthais air ais na cheannard
Àimhreit Fearainn Ùig' ga chuimhneachadh
Craobhan ag iarraidh taic