Iomairt ola an Gleann Dail

  • 28 An Gearran 2013
Gleann Dail Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Le bhith a' ceannach còmhla, tha dùil gum faigh a' choimhearsnachd seirbheis nas fheàrr.

Tha iomairt a' tòiseachadh ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach airson co-bhanntachd a stèidheachadh a bhios ag amas air ola-teasachaidh nas saoire fhaighinn do mhuinntir an àite.

Tha an fheadhainn air a cùlaibh ag ràdh gu bheil e a' dèanamh dragh dhaibh mar a tha prìs na h-ola a' sìor-èirigh - agus a' bhuaidh a th' aig sin air sgìrean iomallach.

Tha am fear a tha a' cur na h-iomairt air dòigh ann an Gleann Dail ag ràdh gu bheil an diofar eadar na bhios iad a' pàigheadh son ola an sin an coimeas ri daoine ann an ceann a deas na dùthcha maslach.

Tha Ridseard Powell ag ràdh gu bheil iad a' pàigheadh 15sg an liotair a bharrachd sa chumantas an taca ri sgìrean eile agus airson seirbheis a tha truagh.

Thuirt e gun do ruith e fhèin agus a bhean a-mach à ola agus gun robh iad deich là às aonais mus tàinig làraidh.

Mar sin, tha e a' moladh co-bhanntachd ola a thòiseachadh agus tha e a' sireadh dhaoine sa choimhearsnachd a bhiodh deònach a dhol nam buill dhith.

Ann a bhith a' ceannach còmhla, tha e a' cumail a-mach gum biodh cumhachd aca agus cothrom aca prìs nas fheàrr fhaighinn.

Chan eil an iomairt ach aig ìre fìor thràth ach ma shoirbhicheas leotha, tha dòchas ann gum bi an sgeama na bhuannachd do choimhearsnachdan dùthchail eile cuideachd.