Dragh mu ghràinneagan a-rithist an Uibhist

  • 28 An Gearran 2013
Gràinneag
Chaidh na gràinneagan a ghluasad à sgìrean far an robh iad nan cunnart do dh'eòin ghunnachaidh.

Is coltach gu bheil gràineagan a' tilleadh gu sgìrean ann an Uibhist às an robh Dualchas Nàdair na h-Alba gan gluasad.

Nì a' bhuidheann a-nis tuilleadh rannsachaidh air àireamhan, càit a bheil iad agus dè an cron a dh'fhaodadh iad a dhèanamh air eòin.

"Tha sinn a' dol a chumail òirnn gan glacadh," thuirt tè-labhairt SNH, Emily Edwards.

"Tha sinn air a bhith gan glacadh ann am Beinn nam Fadhla co-dhiù.

"Tha sinn a-niste a' beachdachadh air cuid de na ribichean a ghluasad gu 's dòcha Uibhist a Tuath, air sgàth 's gu bheil na gràinneagan a-niste ann an sgìrean far a bheil na h-eòin ghrunnachaidh a tha seo.

"Ged nach bi sinn a' cur barrachd ribichean a-muigh, tha sinn gu bhith gan gluasad gu àiteachan eile," thuirt i.