Maoineachadh Crannchuir do phròiseactan Eileanach

  • 27 An Gearran 2013
Taigh na Creige, Diùra Image copyright Gordon wilson/geograph
Image caption Chan eil ach an aon bhùth ann an Diùra, agus chuireadh air a' mhargaidh i an-uiridh.

Gheibh dà phròiseact anns na h-Eileanan maoineachadh bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta.

Cuiriadh an Stòras £653,225 ri pròiseact Urras Leasachaidh Eilein Dhiùra, a tha ag amas air bùth an eilein, le oifis a' phuist na cois, a cheannach 's ath-leasachadh.

Chaidh a' bhùth, ann an Taigh na Creige, a chur air a' mhargaidh an-uiridh.

Gheibh cuideachd Co-chomunn na Pàirce anns na Lochan an Leòdhas £234,680 airson pumpa-peatroil 24 uair san là fhosgladh aig Rubha an Fhithich ann an Ceirsiadair.

Chan eil pumpa an-dràsta nas fhaisge air an sgìre na 20 mìle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile