Banca-bìdh sna h-Eileanan Siar

  • 27 An Gearran 2013

Tha banca-bìdh ga chur air bhog anns na h-Eileanan Siar feuch taic a thoirt do dhaoine a tha a' tighinn beò ann am bochdainn, 's aig nach eil de dh'airgead airson biadh a cheannach dhaibh fhèin.

'S e Urras Trussell agus Eaglais an 'New Wine' a bhios os cionn na seirbheis.

Thathar an dòchas gum bi an t-seirbheis ri fhaotainn anns na beagan mhìosan a tha romhainn.

Tha Urras Trussell mar thà air 23 bancannan-bìdhe a chur air dòigh ann an Alba.