Rabhadh don Riaghaltas mu Ratharsair

  • 27 An Gearran 2013
Fiadh
Chailll na croitearan an cùmhnant às dèidh 18 bliadhna, do chompanaidh seilge à Siorrachd Àir a Deas.

Tha am fear-iomairt fearainn, Andy Wightman, air rabhadh a thoirt gum faodadh gun tèid ministearan an Riaghaltais Albannaich a thoirt gu lagh an dèidh mar a thug iad còirichean seilge air falbh bho chroitearan Ratharsair.

Chaidh na còirichean a thoirt do chompanaidh ann an Inbhir Àir, a thabhainn £2,000 a bharrachd air na thabhainn na croitearan air an son.

Tha ministearan a' cumail a-mach gur e seirbheisich-chatharra a bu choireach ris na thachair.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun robh e mar dhleastanas orra luchd-pàighidh nan cìsean a riarachadh.

Thuirt Mr Wightman gu bheil e airson 's gun cuir an Riaghaltas an cùmhnant sgrìobhte aca an gnìomh, a tha ag ràdh gum feum coimhearsanachdan a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean a thaobh fearainn is eile, a bheir buaidh air far a bheil iad a' fuireach agus ag obair.