Geòidh nas pailte sna h-Eileanan Siar na bha

  • 26 An Gearran 2013
Machair Uibhist Image copyright Scottish Government
Image caption Tha dragh mu cho maireannach 's a bhios sreathan sònraichte an arbhair ann an Uibhist.

Is coltach gu bheil àireamh nan geadh a' dol am meud anns na h-Eileanan Siar.

Rinn Dualchas Nàdair na h-Alba obair ann an cuid de sgìrean a' feuchainn ri tomhas fhaighinn air àireamhan agus tha beachd ann a-nis gu bheil iad tòrr nas pailte na bha.

Tha na h-eòin air a bhith nan crois do chroitearan agus tuathanaich sna h-Eileanan, agus iad ag ithe cuid mhath den fheòir a th' air talamh àiteach, agus a' milleadh bàrr cuideachd, fiù 's a' togail a' bhuntàta.

A thuilleadh air sin bidh iad a' gannrachadh na talmhainn le an cuid salchair.

Sìol

"Ann an Leòdhas, tha an trioblaid a' fàs nas miosa," thuirt an Comh. John A. MacÌomhair.

"Tha sinn air a bhith gan cunntadh a-nis an dà bhliadhna mu dheireadh.

"Bha 20 neach a' dol a-mach air feadh nan eilean, agus an sgìre a rinn mi fhìn, bha sin an-àirde 20% air a' bhliadhna an-uiridh," thuirt e.

Tha an trioblaid gu sònraichte dona ann an Uibhist, far a bheileas ag iarraidh air an Riaghaltas barrachd airgid a chur ri sgeamaichean gus smachd fhaighinn air na geòidh.

Tha dragh gun tèid iad nan trioblaid nas miosa buileach nuair a thig sgeama dìon na machaire gu ceann as t-Fhoghair an ath-bhliadhna.

"An cunntas mu dheireadh, bha 7,500 geadh anns na h-Uibhistean," thuirt Ena NicDhòmhnaill, a tha na cathraiche air meur Uibhist de dh'Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach.

"Tha mi cinnteach gu bheil barrachd air sin ann, ach sin an cunntas mu dheireadh.

"Nuair a thig na h-iseanan aca sin, tha mise a' smaoineachadh, mur a tig dad a chuidicheas sinn an ath-fhoghair, cha tèid againn air arbhar a chumail airson sìl.

"Chan urrainn dhuinne sìol a cheannach far Tìr Mòr. Chan fhàs e ann an seo ro mhath.

"Tha e glè thàmailteach a' dol a ghearradh arbhair 's a h-uile sgàth sìol air ithe dheth leis na geòidh.

"Tha iad air sgeama ùr a dhèanamh. 'S e Adaptive Management a chanas iad ris.

"Tha còignear no sianar a gheibh am pàigheadh airson a bhith a' marbhadh nan geadh. Ach chan eil gu leòr sin de dhaoine airson na bheil ann de gheòidh.

"Tha Sgeama Dìon a' Bhàrr air a bhith ann o chionn grunn bhliadhnaichean.

"An toiseach thòisich e 's cha robh iad ach a' cur eagail air na geòidh, ach an uair sin chunnaic iad gum feumadh iad barrachd a dhèanamh, 's bha iad a' leigeil leis na gillean sin a bhith a' sealg.

"Ach 's e Pròiseact a' Mhachair an seo a th' air a bhith a' riaghladh sin o chionn trì bliadhna. Ach chan eil air fhàgail ach aon bhliadhna.

"Deireadh an Fhoghair seo tighinn, cha bhi an còrr dìona againn.

"Cha bhi croitearachd ann mur a faigh sinn air rudeigin a dhèanamh mu na geòidh a tha seo," thuirt i.

Tha luchd-àiteachais ann an Uibhist ag ràdh gum b'fheàrr gun robh dìreach mu thimcheall air 2,000 geadh anns an sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile