Richie Vernon a' tilleadh a Ghlaschu a t-samhradh

  • 26 An Gearran 2013
Richie Vernon in action for Scotland against France in 2012 Image copyright SNS

Tha Warriors Ghlaschu air innse gu bheil Richie Vernon a' tilleadh chun na sgioba.

Chluich Vernon, 25, dhaibh roimhe eadar 2007 agus 2011. Tha an cluicheadair-cùil, a th' air 20 cèip fhaighinn do dh'Alba, a' cluich an-dràsta do Sale ann am Prìomh Lìog Shasainn.

Thig e gu tuath anns an t-samhradh, an dèidh dha a dhol fo dheuchainn mhèidigeach.

"Bheir Richie dhuinn taghadh eile san loidhne chùil, feumaidh na cluicheadairean obrachadh gu cruaidh gus an t-àite aca a chumail san sgioba", thuirt coidse Ghlaschu, Griogar Townsend.

"Chluich e gu fior ard-ìre thairis air na bliadhnaichean a chaidh agus tha eòlas aige air a bhith a' cluich gu h-eadar-nàiseanta, mar sin, tha sinn toilichte gu bheil e a' tilleadh thugainn", thuirt e.

Tha Vernon air cùmhnant aontachadh gu 2016.

"Tha mi air mo dhòigh tilleadh gu Glaschu agus tha mi a' coimhead air adhart ri obrachadh còmhla ri Gregor Townsend agus an sgioba coidsidh aige", thuirt Vernon.

"Dh'ionnsaich mi tòrr bho bhith a' cluich aig Sale, ach 's e deagh chothrom a tha seo tilleadh gus cluich ann an Alba.

"Tha e na chuideachadh gu bheil mi mar thà eòlach air tòrr de na cluicheadairean", thuirt e.