Bàs air Beinn Nibheis

  • 26 An Gearran 2013

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist air Beinn Nibheis.

Thuirt na poilis gun do thuit an duine timcheall air 50 meatar chun na talamhainn feasgar Diluain, ann an sgìre ris an canar Raeburn's Buttress.

Bha e a' streap còmhla ri fireannach eile.

Bha heileacoptair bho RAF Inbhir Losaidh agus buill de sgioba theasairginn nam beann an sàs anns an iomairt airson an duine fhaighinn.

Thuirt na poilis gu bheil iad an sàs ann an sgrùdadh agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.