Chan fhaigh MV Fionn Lagan fàilte ann an Uibhist

  • 25 An Gearran 2013
MV Finlaggan
Image caption Chaidh am Fionn Lagan a chur air an t-slighe son a' gheamhraidh.

Thèid strì làidir a dhèanamh an Uibhist son a dhèanamh cinnteach nach tèid am bàt-aiseig an MV Fionnlagain a chleachdadh air an t-slighe eadar Ùige agus Loch nam Madadh air a' gheamhradh seo tighinn.

Tha seo às dèidh do mhòran ghearainean nochdadh gu bheil i slaodach agus dheth tòrr nas trice na bha am bàta a b'àbhaist a bhith air an t-slighe - an MV Hebrides.

Tha a' chompanaidh aiseig, Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' dol às àicheadh seo 's iad ag ràdh nach eilear a' cur bàta far na slighe ach ann am fìor dhroch shìde.

Thuirt iad gum biodh an aon rud a' tachairt ge bith dè am bàta a bhiodh a' seoladh agus dh'aidich iad gun robh trioblaidean aca nuair a thòisich am Fionn Lagan air an t-seirbheis, ach chaidh iad sin a chur ceart, thuirt iad.

A rèir comhairliche Uibhist a Tuath, Uiseadan Robasdan ge-tà, 's e an Hebrides an tè mu dheireadh de na bàtaichean aig Cal Mac a rachadh a chur dheth air sgàth droch shìde, ach tha coltas gur i an MV Fionn Lagan a' chiad tè a bhitheas dheth.

A-mach leatha

Aig coinneimh leis a' choimhearsnachd ann an Uibhist an t-seachdain seo chaidh, bha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cumail a-mach gun robh figearan aca a' sealltainn nan aon ghearainean mun Hebrides agus a bh' aca mun Fhionn Lagan, ach thuirt Mgr Robasdan nach robh daoine aig a' choinneimh a' creidsinn sin.

Ged is e eathar brèagha a th' innte, tha faireachdainn làidir, thuirt e, nach eil am Fionn Lagan freagarach airson na slighe:

"Chan eil i cho math aig muir 's a tha an Hebrides agus tha i a' toirt ùine tighinn a-steach do na puirt aig Loch nam Madadh agus Ùige."

Chan eil a' chompanaidh aiseig air co-dhùnadh fhathast dè am bàta a theìd a chleachdadh air an t-slighe air a' gheamhradh a tha romhainn ach thuirt iad gun coinnich iad ri muintir Uibhist as t-samhradh nuair a tha iad air an inntinn a dhèanamh suas.

Ach tha aon rud cinnteach, chan eil muinntir an àite ag iarraidh na Fionn Lagan agus thuirt iad gun tèid iomairt a chur air dòigh son an Hebrides fhaighinn na h-àite ma 's e is gun tig Cal Mac dhan cho-dhùnadh am Fionn Lagan a chur air an t-slighe a-rithist.