Dòigh ùr a dhìth air seirbheisean poblach sna h-Eileanan Siar

Comhairle nan Eilean Siar Tha an roinn phoblach air a gearradh air ais gu mòr o chionn ghoirid.

Bu chòir dòigh gu tur ùr a lorg airson seirbheisean poblach nan Eilean Siar a mhaoineachadh.

Sin a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre an dèidh na chaidh a mholadh aig coinneimh ann an Steòrnabhagh.

Am measg na chaidh a dheasbad bha gum bu chòir dhan Chomhairle agus do Bhòrd-Slàinte na sgìre a bhith ag obair nas dlùithe ri chèile.

"Feumaidh sinn coimhead, aig an ìre seo co-dhiù, ri ciamar a tha sinn a' dol air adhart anns na bliadhnaichean air thoiseach," thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton.

Càbal a' Chuain Sgìth

"Mar Chomhairle tha sinn mar thà air buidseat a chur air chois airson na h-ath-bhliadhna.

"Ach 's e an ath-bhuidseat a tha gu bhith cudromach agus doirbh.

"Chan urrainn dhuinn a bhith a' dol air adhart 's a' faicinn na roinne poblaich againn a' crìonadh bliadhna às dèidh bliadhna.

"Anns a' chiad àite, feumaidh sinn ionmhas. Ach feumaidh sinn cuideachd coimhead ri pròiseactan calpa a dh'fhaodadh sinn a chur air chois.

"Tha sinn a' feuchainn ri cumhachd ath-nuadhachail a chur air adhart cuideachd anns a' choimhearsnachd.

"Feumaidh sinn a bhith gu math teann air an dà Riaghaltas, aig Holyrood agus aig Westminster, airson 's gum faigh sinn an càbal fon Chuan Sgìth.

"Bheireadh sin taic mhòr do na coimhearsnachdan 's dhan roinn phoblaich gu lèir, gum faigh sinn ionmhas a-steach bho na gnìomachasan sin anns a' choimhearsnachd," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.