Iasgair air ainmeachadh

Dh'animich Poilis a' Chinn a Tuath iasgair a bhàsaich às dèidh don bhàta aige, an "Achieve", a dhol fodha far chosta na Hearadh Diardaoin.

B'e Tormod "Teddy" MacLeòid, a bha 45, agus a bhuinneadh do Leòdhas.

Chaochaill e san ospadal ann an Steòrnabhagh, às dèidh mar a chaidh e fhèin agus dithis eile a bh' air bòrd a thogail far rath-sàbhalaidh feasgar Diardaoin.

Chaidh an dithis fhirerannach eile a leigeil dhachaigh bhon ospadal.

Bha an criutha air gabhail chun an rath mu 3:00f, 's iad air gairm èiginneach a chur a-mach.

Lorg heileacoptair teasairginn Steòrnabhaigh na fireannaich às dèidh dhaibh flèar a chur an-àirde.

Sgeulachdan aithriseach

  • Gleann DailBàird Ghleann Dail

    Leabhar ùr ga fhoillseachadh a tha a' toirt ri chèile bàrdachd Dhòmhnall nan Òran agus bàrdachd a mhac, Niall 's Iain Dubh.


  • Caisteal Inbhir NisIonad-turasachd ùr san amharc?

    Buidheann-obrach ùr ga stèidheachadh gus beachdachadh air Caisteal Inbhir Nis.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.