Eaglais Shaor a' taobhadh ri croitearan Ratharsair

Sealg Thabhainn a' chompanaidh £2,000 a bharrachd na thabhainn croitearan Ratharsair.

Sgeulachdan co-cheangailte

Ann an ceum neo-àbhaisteach tha ministearan Eaglais Shaor na h-Alba san Eilean Sgitheanach air litir fhosgailte a sgrìobhadh gu Buill-Phàrlamaid Albannach ag iarraidh orra an co-dhùnadh còirichean seilge Eilein Ratharsair a thoirt do chompanaidh seilge ann an Siorrachd Àir a chur air a cheann.

B' ann le Comann Chroitearan Ratharsair a bha na còirichean o chionn 18 bliadhna, 's tha iad air cur gu mòr ri eaconamaidh an eilein bhig.

Ach thàinig an cùmhnant gu crìch, 's chaidh na còirichean a-mach gu tairgse.

Rinn companaidh à Siorrachd Àir a Deas an gnothach air na croitearan, le bhith a' tabhainn £2,000 nas motha.

Buannachd

Tha an Riaghaltas a' cumail a-mach gu bheil uallach orra luach as fheàrr an airgid fhaighinn às a' ghnothach, a chùm maith na h-Alba gu lèir.

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir aig Holyrood Diardaoin, chuir Ailig Salmond dìon air a' cho-dhùnadh nuair a chuir am BPA Rhoda Ghrannd ceist air mu dheidhinn.

Thuirt e gur e co-dhùnadh a bh' ann nach robh e air chomas mhinistearan an Riaghaltais a chur air a cheann.

'S ann leis an Riaghaltas a tha Ratharsair.

Start Quote

Tha sinn den bheachd gur e ana-ceartas mòr a th' anns a' cho-dhùnadh seo an aghaidh chroitearan Ratharsair”

End Quote Litir nam Ministearan

Tha ministearan na h-Eaglaise Saoire ag ràdh gun robh a' bhuannachd don choimhearsnachd ionadail a bha an cois nan còirichean seilge nas cudromaiche na an t-suim-airgid sin, agus gun robh dragh orra gun deach an co-dhùnadh a dhèanamh le seirbheisich chatharra nach deach a thaghadh leis an t-sluagh.

Anns an litir aca, thuirt na ministearan Sgitheanach: "'S e briseadh dùil a bh' ann dhuinn nuair a chuala sinn bho mhinistear san Riaghaltas Albannach gur e airgead as cudromaiche sa cho-dhùnadh.

"Tha sinn a' guidhe gun dèan sibh uidhir 's is urrainn dhuibh an co-dhùnadh seo a chur air a cheann.

"Tha e na adhbhar dragh mòr gur ann an urra ri seirbheisich chatharra a bha an gnothach seo.

"Bidh fios agaibh gu bheil e doirbh dha-riribh airgead a dhèanamh air an iomall, agus tha Comann Chroitearan Ratharsair air adhartas mòr a dhèanamh le bhith a' leasachadh nan còirichean seilge ann an Ratharsair a chùm buannachd nan croitearan agus na coimhearsnachd. Tha a' bhuannachd sin gun teagamh nas cudromaiche na an £2,000 a tha fo cheist.

"Tha an Eaglais Shaor, gu h-eachdraidheil, air taic a chumail ri còirichean chroitearan an aghaidh uachdaran ainneartach.

"Tha sinn den bheachd gur e ana-ceartas mòr a th' anns a' cho-dhùnadh seo an aghaidh chroitearan Ratharsair."

Tha sia coithionalan aig an Eaglais Shaoir anns an Eilean Sgitheanach, fear ann an Ratharsair nam measg, agus a tha an-dràsta às aonais mhinisteir.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • FlòdaigearraidhÀrainneachd agus Cànan

    Cùrsa anns an Eilean Sgitheanach as t-samhradh far am faighear briathrachas na Gàidhlig airson leithid lusan agus ainmhidhean.


  • Miss PiggyClò Mòr air a' Bhan-Mhuic

    Chunnacas Miss Piggy ann an deise den Chlò Mhòr a rinneadh le Vivienne Westwood.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.