Stiùiriche ùr aig Clò Mòr Innse Gall

  • 21 An Gearran 2013
Clò Mòr
Tha a' Bh.Ph. NicLeòid cuideachd na ceannard air leasachadh roinneil aig HIE.

Tha a' chompanaidh Clò Mòr Innse Gall air stiùiriche ùr fhastadh airson neartachadh a dhèanamh air ìomhaigh a' chlò agus na marcaidean anns a bheileas ga reic a leudachadh.

Tha eòlas aig Màiread NicLeòid mar an tè a thoisich an roinn-dachaigh dhan chompanaidh Johnston's of Elgin, agus tha i cuideachd na ceannard air leasachadh roinneil do dh'Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha i a-nise an dòchas margaid a' Chlò Mhòir a dhèanamh nas motha agus nas làidire.

"Tha mi ag obair còmhla ris na daoine anns a' mhuilinn 's tha sinn a' coimhead airson mhargaidean ùra," thuirt i.

"Tha sinn ag obair còmhla ri daoine a tha a' dèanamh bhrògan 's a' dèanamh accessories mar bhagaichean-làimhe 's criosan agus a h-uile seòrsa rud leis a' chlò.

"'S tha sinn ag iarraidh coimhead feuch dè eile a dh'fhaodas sinn a dhèanamh sna margaidean a tha sin," thuirt i.