Riaghaltas a' dìon co-dhùnadh mu chòirichean seilge Ratharsair

Ratharsair Thuirt an Riaghaltas gum feum ministearan luach an airgid fhaighinn a chùm maith an t-sluaigh gu lèir.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chuir Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, dìon air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba còirichean seilge chroitearan Ratharsair a thoirt do bhuidhinn a tha stèidhichte còrr agus 200 mìle air falbh ann an Siorrachd Àir.

Thuirt na croitearan gur e masladh a th' ann an co-dhùnadh an Riaghaltais, agus tha iad ag iarraidh orra coimhead as ùr air a' ghnothach.

Thog am BPA Làbarach Rhoda Ghrannd a' chùis aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir aig Holyrood, agus thuirt Mgr Salmond gun robh uallach air mininstearan na riaghailtean a leantainn ann an cùisean den leithid, agus gum feum iad luach an airgid fhaighinn às a' chùmhnant a chùm maith muinntir na h-Alba air fad.

Tha na croitearan den bheachd gu bheil an co-dhùnadh a' dol an aghaidh feallsanachd Ath-Leasachadh an Fhearainn, a tha ag amas air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan air an gnothaichean fhèin.

Uachdaran

"Tha e do-chreidsinneach gu bheil an aon suidheachadh againn a-nis 's a bh' aig muinntir Ratharsair o chionn 50 bliadhna," thuirt Rùnaire Chomann Chroitearan Ratharsair, Anna NicGill-Ìosa.

"Shaoil sinn gun robh sin air fhàgail san eachdraidh, agus linn ùr ann le smachd aig coimhearsnachdan air gnothaichean."

Fhuair Comann Chroitearan Ratharsair còirichean seilge an eilein o chionn 18 bliadhna, agus tha iad air a ruith on uair sin.

Chaidh na còirichean a chur a-mach gu tairgse nuair a thàinig an cùmhnant gu crìch.

Bha na croitearan an dùil gum faigheadh iad as ùr iad, leis gun deach innse dhaibh nach robh uallach air ministearan gabhail ris an tairgse as àirde.

Tha muinntir an eilein a' tarraing coimeas ris an dòigh san do dhèilig seann uachdaran an eilein sna 1960an, an Dr John Green, a bha a' fuireach ann an Sussex agus nach do chuir seachad aon oidhche air an eilean, ri gnothaichean.

Choisinn e far-ainm Dr No, air dha bacadh a chur air reic cuid de thaighean san eilean ri muinntir an àite, agus air leasachadh cidhe aiseige do chàraichean.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gun robh tairgse nan croitearan gu math nas ìsle na an tairgse a fhuair na còirichean.

Thuirt e cuideachd gun robh clàsaichean anns a' chùmhnant airson na croitearan a dhìon mur a deadh na còirichean a chleachdadh gu ceart.

"Rinn sinn cinnteach gun obraich an tagraiche soirbheachail leis a' choimhearsnachd ionadail," thuirt Mgr Wheelhouse.

"Ma bhriseas iad an cùmhnant, dh'fhaodadh sinn na còirichean a chur a-mach gu tairgse a-rithist."

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.