Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Liostaichean Feitheimh

Thuirt Ministear Slàinte na h-Alba, Ailig Neil, gu bheil an Riaghaltas a' cumail sùil gheur air cho fada 's a dh'fheumas euslaintich a bhith a' feitheamh airson cùraim ospadail. Tha seo a' tighinn às dèidh aithisg a chaidh fhoillseachadh le buidhinn-sgrùdaidh na h-Alba Audit Scotland, mu mar a tha cuid de Bhùird Shlàinte a' làimhseachadh liostaichean feitheimh. Thog iad draghan leis mar a chaidh a chlàradh le mearachd nach robh na ceudan de dh'euslaintich ann an Lodainn ri fhaotainn. Feumaidh euslaintich a-nis sgrìobhadh airson innse nach bi iad ri fhaotainn.

Oscar Pistorius

Dh'fhaodadh nach bi an t-oifigear poilis Hilton Botha, a tha os cionn an rannsachaidh air murt leannan Oscar Pistorius an sàs anns a' chùis tuilleadh. Tha coinneamhan gan cumail 's e air tighinn am bàrr gu bheil e fhèin fo chasaid gun do dh'fheuch e ri daoine a mhurt ann an 2011. 'S e an-diugh an treas là de dh'èisteachd aig an tèid co-dhùnadh an tèid an lùth-chleasaiche à Afraga a Deas a shaoradh air urras. Tha Mgr Pistorius a' dol às àicheadh nan casaidean air fad. Aig an aon àm, dh'innis a' chompanaidh Nike gun robh iad air an taic acasan a tharraing bho Phistorius fhad 's a tha a' chùis a' leantainn.

Stailc

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith Ionad-ola Inbhir Ghràinnse ag ràdh nach bi buaidh air an obair aca air sgàth na stailce a tha a' tòiseachadh madainn a-màireach. Tha a' bhuidheann Ineos AG ag ràdh gum bi cùisean mar is còir fiù 's ma tha dràibhearan làraidhean BP air stailc tha còrr air 40 de luchd-obrach na companaidh a' dol air stailc airson trì làithean bho mhadainn a-màireach 's iad mì-thoilichte mu ìrean pàighidh agus an còirichean peinsein.

Na Cunntasan Poblach

Tha figearan oifigeil bhon Riaghaltas a' sealltainn gun robh na cunntasan aca faisg air £11.5bn ann an creideas air a' mhìos a chaidh seachad. Gu tric tha suim-airgid mhòr a' tighinn a-steach dhan Riaghaltas mun àm seo den bhliadhna ann an cìsean. Ach tha na h-àireamhan air an là an-diugh a' coimhead nas fheàrr na bha dùil.

Ratharsair

Tha fearg air croitearan Ratharsair an dèidh mar a chaidh na còirichean seilge a bh' aca airson 18 bliadhna a thoirt do bhuidhinn a tha stèidhichte còrr is 200 mìle air falbh ann an Siorrachd Àir. Tha iad ag innse gu bheil an co-dhùnadh a rinn ministearan Riaghaltas na h-Alba, leis a bheil an t-eilean, maslach, agus tha iad ag iarraidh orra coimhead às ùr air a' ghnothach. Tha na croitearan den bheachd gu bheil an co-dhùnadh a' dol an aghaidh feallsannachd Ath-leasachadh an Fhearainn, a tha ag amas air cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan air an gnothaichean fhèin.

101

Tha na Poilis an Alba air àireamh ùr a chruthachadh is urrainn do dhaoine nach eil ann an suidheachaidhean èiginneach a chleachdadh. Bho an-diugh, thèid iarraidh air a' phoball fòn a chur gu 101 airson eucoirean nach eil feumach air na Poilis anns a' bhad. Tha iad ag amas air cuideam a thoirt far an t-siostaim 999.