£90,000 airson foghlam Gàidhlig
Thèid an t-airgead a roinn eadar diofar phròiseactan.
Bidh taic-airgid de cha-mhòr £90,000 bhon Riaghaltas air a roinn eadar pròiseactan do sgoilearan, oileanaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Nam measg bidh sgeama airson stuthan a dhealbh do sgoilearan le feumalachdan sònraichte, sgoiltean samhraidh ann an coimhearsnachdan Gàidhealach airson tidsearan a thrèanadh, agus pàipearan deuchainn prelim anns a' Ghàidhlig a leasachadh.
Chaidh seo ainmeachadh aig coinneamh ann an Dùn Èideann air foghlam Gàidhlig.
"Cuiridh na pròiseactan seo uile gu mòr ris an taic a th' ann do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig," thuirt Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan.
"Ma tha a' Ghàidhlig gus soirbheachadh san àm ri teachd, feumaidh sinn a bhith cinnteach gum bi sàr-fhoghlam, goireasan agus taic aig luchd-ionnsachaidh aig a h-uile ìre.
"Tha e cudromach a-rèiste, a thuilleadh air tachartasan agus gnìomhan a chur air dòigh, gun cuir sinn airgead a-steach airson cloinne a tha le feumalachdan sònraichte agus a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus gun toir sinn an trèanadh as fheàrr as urrainn do na tidsearan againn.
"Chan ann a-mhàin gun toir cothroman bogaidh do thidsearan ann an coimhearsnachdan Gàidhealach piseach air na sgilean cànain aca, ach bheir e misneachd dhaibh ann a bhith ga cleachdadh gu làitheil.
"Faodaidh iad an uair sin an t-eòlas a th' aca air àite na Gàidhlig ann an Alba an là an-diugh, agus ar dualchas cultarail a thoirt seachad do an cuid sgoilearan fad am beatha-obrach," thuirt e.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~26~RS~)

MacCuthais air ais na cheannard
Àimhreit Fearainn Ùig' ga chuimhneachadh
Craobhan ag iarraidh taic