Tuath-gaoithe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comhairle draghail mu thuathan-gaoithe

20 An Gearran 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Is coltach gu bheil comhairlichean na Gàidhealtachd a' sìor-fhàs amharasach mu na tha de thuathan-gaoithe a' dol suas anns an sgìre.

Dhiùlt iad Dimàirt taic a chur ri tuath mòr anns a' Mhonadh Liath gus an tèid iad suas dhan mhonadh a dh'fhaicinn dhaibh fhèin na buaidhe a bheireadh seo air an àrainneachd.

Tha seo às dèidh dhaibh diùltadh taic a chur ri dà thuath eile ann an Cataibh an t-seachdain a chaidh.

Tha a' chompanaidh dealain SSE airson tuath lè 83 crainn a thogail os cionn Cille Chuimein.

Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.